The Oban Times

Beachd Ailein

- editor@obantimes.co.uk ALLAN CAMPBELL

Chan e rud ùr sam bith a th’ ann am mèirle, agus a dh’aindeoin linntean de leasachadh eòlais agus shìobhalta­chd tha goid fhathast cho bitheanta ‘s a bha riamh, agus mòran de na tha ris a’ faotainn dheth leis a’ chron. Tha gnìomhacha­s an fhearainn air aon raon coimhearsn­achd a tha a’ fulang gu mòr eadar stoc a bhith ga thogail air falbh, agus uidheam chosgail ga shiolpadh far thuathan is chroitean feadh na dùthcha. Gu mì-fhortanach cuideachd mar as motha tha teicneòlas ga leasachadh ’s ann as motha tha mèirle a’ fàs, agus tha a-nise an uidheamach­d stiùiridh saideil anns na tractaran as ùire ga ghoid asta agus sin a’ cur maille agus cosgais air obair thuathanai­ch thall ‘s a-bhos. Carson nach eil na h-eòlaichean innleachda­il a tha a’ cruthachad­h leithid seo de ghoireasan gan dìon gus nach biodh iad gu feum sam bith ann an inneal eile. Shaoileadh tu gun cuireadh sin stad air a’ mhèirle agus a’ chosgais mhòr de gach seòrsa a tha na cois.

Theagamh gun can feadhainn gum bheil cuid a sheòrsa mèirle nas miosa na chèile ach aig ceann cùise tha mèirle a’ ciallachad­h gum bheil cuideigin a’ toirt rud air falbh bho neach eile aig am bheil còir air. Faodaidh sin tachairt fiù ’s ged nach biodh an neach a tha a’ dèanamh an eucoir a’ faotainn buannachd sam bith bho ghnìomh a tha a’ tighinn à ana-caitheamh air cumhachd, neo ’s dòcha droch cho-dhùnadh feallsanac­hdail. Fhuair mìltean de mo ghinealach fhìn cothrom air foghlam àrd-ìre ri linn thabhartas­an fialaidh ionmhais, ged ’s dòcha nach robh sinn mothachail aig an àm air cho fortanach ‘s a bha sinn. Ginealach air adhart agus bha iomadach oileanach a’ crìochnach­adh an cuid foghlaim le fiachan nan uallach a’ leantainn riutha fad bhliadhnai­chean. Ach thar nan ginealaich­ean sin cha deach bacadh sam bith air na cothroman aig duine againn ri linn cò sinn neo cò sgoil às an tàinig sinn, bha cothroman co-ionann a rèir spàirn agus dealas an oileanaich.

‘S iomadh duine a nochd a’ bheachd gur e droch rud a bh’ ann a bhith a’ cruthachad­h clàr èifeachdai­s sgoiltean feadh na dùthcha, gu h-àraid leis nach robh co-ionannachd shòisealac­h neo eaconamach anns na coimhearsn­achdan a bha iad a’ frithealad­h. Cha robh sin idir a’ ciallachad­h nach fhaodadh comasan oileanaich a bhith pailt cho adhartach ann an sgìrean bochda! A dh’aindeoin a’ chronachai­dh lean an rangachadh air sgoiltean chun na h-ìre gun toinisg a dh’fhàg cothroman foghlaim àrd-ìre òigridh feadh na rìoghachd gan goid bhuapa le co-dhùnaidhea­n eòlaichean a bha, agus a tha fhathast, cho ceàrr ‘s a ghabhas a bhith! ’S math gu dearbh gun deach an latha leis na h-oileanaich an turas seo, agus gur math a thèid leotha uile.

Allan Campbell, ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom