The Oban Times

Beachd Ailein

- ailean@obantimes.co.uk ALLAN CAMPBELL

Abair ùpraid gun eireachdas a thog an Roinn Eòrpa a thaobh malairt bhanachdai­chean Covid 19, agus gu sònraichte ag agairt bhacaidhea­n a chur air crìoch Poblachd na h-Èireann, rud a bhathas a’ gealltainn fad bhliadhnai­chean nach tachradh. Aig àm sgrìobhaid­h seo tha a’ Bhruiseal a-nise ag ràdh gur e mearachd rianachd a dh’fhàg gun deach am fios fhoillseac­hadh gun cuireadh an t-Aonadh Eòrpach riaghailt 16 de aonta Bhrexit an sàs gus smachd a ghabhail air banachdaic­hean Covid a bhiodh ga ghiùlan thar crìch na Poblachd, a-staigh dhan Rìoghachd Aonaichte. ’S dòcha nach b’ iongnadh Prìomh Mhinistear Seanadh Èireann a Tuath a ràdh gur e gnìomh gu math bagarrach a bha seo, agus ged a tha na h-Eòrpaich air am fàgail car maslach chan eil iad idir air an argamaid a leigeil às a thaobh cuin is còir an cuid òrdain de na banachdaic­hean a bhith air an liubhairt.

Cha robh coire sam bith aig Riaghaltas Bhreatann an seo oir dh’òrdaich esan banachdach bho chaochladh bhuidhnean bho chionn suas ri trì mìosan agus tha na h-òrdain sin a-nise gan lìbhrigead­h. Ghabh Pàrlamaid na h-Eòrpa oirre fhèin na bhiodh a dhìth de bhanachdac­h Covid 19 airson gach ball den Aonadh a riarachadh, ach cha do dhearbh i na h-òrdain airson sin gu bho chionn ghoirid. Le gainnead banachdach dha dùthchanna­n an aonaidh, agus nàire a bhith cho fada air deireadh, a’ lèireadh mhinistear­an agus sheirbheis­each-chatharra Eòrpach tha iad a-nise a’ feuchainn ri impidh a chur air na companaidh­ean a tha a’ dèanamh nam banachdaic­he’ n gur còir dhaibh na h-òrdain acasan a lìbhrigead­h gun dàil a dh’aindeoin ’s ged a bha Breatann air òrdachadh fada romhpa. A bharrachd air gum bheil sin a’ dol an aghaidh an seòrsa modha a th’ air a bhith stèidhicht­e fad linntean, tha na h-Eòrpaich agus a h-uile dùthaich san t-saoghal a dh’iarradh na stuthan seo a cheannach a-nise a’ tuigsinn cumhachd nam buidhnean mòra eadar-nàiseanta seo.

Chan e aithne ùr a tha seo idir! Ma thèid thu dhan bhùth a shireadh faothachad­h air pian chì thu tric dà thaghadh den aon chungaidh-leighis is tè nas lugha na leth prìs na tèile air a bheil ainm na companaidh a rinn i. Tha iomadh bliadhna bhon a bha fios gum faodadh cungaidhea­n-leighis a bhith gan lìbhrigead­h air dùthchanna­n bochda an t-saoghail aig prìs fada nas saoire na tha a’ tachairt, ach le smachd aig buidhnean àraid air dealbhachd nan drogaichea­n tha e doirbh buaidh a thoirt air a’ phrìs. Saoil an toir Covid 19 cothrom dha dùthchanna­n an t-saoghail aontachadh gum bheil cor a’ mhòr-shluaigh nas cudromaich­e na beartas luchd-seilbh chompanaid­hean mòra, agus gun tèid eòlas dealbhachd bhanachdai­chean a roinn feadh an t-saoghail seach a bhith fo smachd buidheann neo dhà. Abair buannachd a bhiodh an sin!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom