The Oban Times

Beachd Ailein

- ailean@obantimes.co.uk ALLAN CAMPBELL

Thug uallach riatanach chun an iar mi bho chionn ghoirid agus shiubhail mi air latha cho fiadhaich ’s a chunnaic mi bho chionn greise, eadar gaoth is uisge agus fiù ’s breacadh de shneachda ùr mun àm a ràinig mi mo cheann-uidhe. Mar a thachair iomadh uair nuair a bhios mi air slighe tro Ghleann Seile, thàinig bàrdachd Nèill MhicLeòid na mo chuimhne is sin a’ dèanamh dealbh cho ealanta den t-seòrsa sheallaidh­ean a bha fom chomhair. “Is chì mi an Cuilithean­n mar leòmhann gun tioma le fheusaig den t-sneachd air a phasgadh m’ a cheann, ’s a ghruaidhea­n a’ srùladh le easannan smùideach, tha tuiteam nan lùban gu ùrlar nan gleann.” ’S ann ainneamh a thèid mi seachad air Eas a’ Bhradain, aig bun Druim nan Cleòc, nach eil dròbh de luchd-turais a’ togail dheilbh, ach cha robh duine beò ri fhaicinn an latha ud is craos de chop geal air an eas, is an abhainn fòidhpe a’ cur thairis gu beul na mara.

Bha sgeulachda­n a chuala mi mu chaochladh àitichean air an t-slighe a’ ruith air m’ inntinn, agus bha mi cuideachd a’ caoidh an iomadh fiosrachad­h a fhuair mi thar nam bliadhnaic­hean a th’ air a dhol às mo chuimhne. Tha mi air leth uasal à cuid de mhuinntir an Eilein Sgitheanai­ch a tha a’ gleidheadh eachdraidh an cuid bhailtean is sgìrean, ach tha mi tàmailteac­h nach eil comainn eachdraidh stèidhicht­e ann mar a th’ air a bhith cho soirbheach­ail anns na h-Eileanan Siar. Tha mi farmadach da-rìribh! Le ruith bhliadhnai­chean gach ginealach tha atharraich­ean cha mhòr do-chreidsinn­each a’ tighinn air àitichean agus tha mi mothachail gum bheil na dealbhan a bhiodh mo sheanair a’ toirt dhomh air an sgìre, nuair a bha esan òg, a’ dol air ais cha mhòr ceud gu leth bliadhna. Chan eil dòigh-beatha mar a bha agus tha ainmean àite agus eachdraidh ionadail a’ dol air chall, gu h-àraid far am bheil muinntir na sgìre air gluasad air falbh airson caochladh adhbharan agus gu math tric coigrich a-nise nan àite.

Cha b’ e imrich a-mhàin a dh’fhàg cuid a chroitean is bhailtean falamh, bha cuideachd tinneis a’ fàgail bheàrnan. B’ e Taigh Mòr NicAoidh a chanadh m’ athair ris an t-seann tobhta a bh’ air lot mo shinn-seanair, agus cha do dhìochuimh­nich mi fhìn is mo pheathraic­hean riamh na rabhaidhea­n a fhuair sinn nach fhaodamaid cluich faisg air an tobhta leis gun do mharbh a’ chaitheamh na bha a’ fuireach ann. Gann lethmhìle an iar-thuath chan eil fiù tobhtaiche­an ri fhaicinn ann an Lèinis far an deach baile beag a sgrios nuair, a rèir aithris, a ghlac fear a mhuinntir an àite am fiabhras breac bho bhobhstair a thog e far a’ chladaich. Am bi cuimhne aig duine ann an leth-cheud bliadhna eile, neo am bi fiù ’s ainm eile air an làrach!

As Highland and Island communitie­s evolve, local historical societies are invaluable resources of significan­t interest to visitors and researcher­s.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom