Beachd Ailein
Bliadhnaichean air ais nuair a bha mi fhìn agus cuid eile a’ brodanachadh gnìomhachas turasachd na dùthcha, gun chus soirbheachaidh, gus aithne a thoirt dhan Ghàidhlig agus a cultar nan cuid margaideachd tha cuimhn’ agam gun robh fiù ’s Buill seann Chomhairle Sgìre an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse teagmhach mun argamaid againn.
Chaidh rannsachadh bheachdan ceud neachturais a dhèanamh ann am Port Rìgh air feasgar samhraidh agus chuir e iongnadh air na Comhairlichean gun tuirt còrr air dà thrian gun robh iad ag iarraidh Gàidhlig a chluinntinn is fhaicinn! Thug e ùine mhòr eile mun do thachair e, ach ’s math a bhith a-nise a’ faicinn an aithne a tha Tadhail Alba a’ toirt dhan chànan, agus am plana is am poileasaidh a th’ aig a’ bhuidheann d hat aobh. Ac hadh’ a in deo in sin th ae follaiseach gumbheiledoirbhd had aoi neat ha ansàs ann an obair-aoigheachd greimeachadh air na cothroman a tha an lùib na Gàidhlig mar shàr tharraing bhuannachdail.
Chan eil teagamh, saoilidh mi, nach dèanadh leithid dedh’ fh oil ls each adhfeu mat haobh inbhe agus ìre a’ chànain, agus fàs cuideachd air àireamh luchd-ionnsachaidh. Le fios gum bheil mu leth mhillean neach an sàs ag ionnsachadh Gàidhlig an-dràsta, tha fhios nach robh e riamh cho iomchaidh a bhith mothachail air a’ chothrom a th’ ann luach a bharrachd a chur air na dh’fhiosraicheas luchd-tadhail ann an Alba, agus gu sònraichte air a’ Ghàidhealtachd, Innse Gall, agus na h-Eileanan an Iar.
Thar leth-cheud bliadhna tha cosnadh bho thurasachd air fàs gu bhith na phrìomh phàirt de theachd-an-tìr Alba, agus ged a tha ceann a tuath ’s an iar na dùthcha a’ faotainn tomhas mhath den sin tha dragh ann gum bheil dìth plana-leasachaidh coileanta na chnap-starra agus thathas ag obair a dh’ionnsaigh leithid sin a-nise.
Cha ghabh àicheadh gum bheil cosgais àitean-fuirich is ithe air fàs gu math daor an seo, agus tha feum air a h-uile tarraing a ghabhas foillseachadh anns an fharpais luach airgid le bailtean turasachd thall thairis. Ri linn sin uile tuigidh sibh mo thàmailt a thaobh nan cothroman caillte, na mo bheachd-sa, ann an dà iris bhrèagha dhathte a thàinig thugam tro phàipearan-naidheachd air an t-seachdain seo chaidh.
Bha iad le chèile a’ margaideachd na Gàidhealtachd is nan Eileanan, ach a bharrachd air facal neo dhà ann an ainm ionaid an siud ’s an seo chan fhaca mi iomradh air Gàidhlig anns na h-aithrisean mu na rudan a tha tarraingeach dha luchd-tadhail. Chan urrainn dhòmhsa a thuigsinn ciamar, aig a’ char a bu lugha, nach do nochd rudeigin mu eachdraidh bheò a’ chànain, a ceòl, is a buaidh air ainmean-àite.
Mo nàire air cothrom caillte dhi, agus dhan ghnìomhachas!