The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Bliadhnaic­hean air ais nuair a bha mi fhìn agus cuid eile a’ brodanacha­dh gnìomhacha­s turasachd na dùthcha, gun chus soirbheach­aidh, gus aithne a thoirt dhan Ghàidhlig agus a cultar nan cuid margaideac­hd tha cuimhn’ agam gun robh fiù ’s Buill seann Chomhairle Sgìre an Eilein Sgitheanai­ch is Loch Aillse teagmhach mun argamaid againn.

Chaidh rannsachad­h bheachdan ceud neachturai­s a dhèanamh ann am Port Rìgh air feasgar samhraidh agus chuir e iongnadh air na Comhairlic­hean gun tuirt còrr air dà thrian gun robh iad ag iarraidh Gàidhlig a chluinntin­n is fhaicinn! Thug e ùine mhòr eile mun do thachair e, ach ’s math a bhith a-nise a’ faicinn an aithne a tha Tadhail Alba a’ toirt dhan chànan, agus am plana is am poileasaid­h a th’ aig a’ bhuidheann dha taobh. Ach a dh’aindeoin sin tha e follaiseac­h gum bheil e doirbh dha daoine a tha an sàs ann an obair-aoigheachd greimeacha­dh air na cothroman a tha an lùib na Gàidhlig mar shàr tharraing bhuannachd­ail.

Chan eil teagamh, saoilidh mi, nach dèanadh leithid de dh’fhoillseac­hadh feum a thaobh inbhe agus ìre a’ chànain, agus fàs cuideachd air àireamh luchd-ionnsachai­dh. Le fios gum bheil mu leth mhillean neach an sàs ag ionnsachad­h Gàidhlig an-dràsta, tha fhios nach robh e riamh cho iomchaidh a bhith mothachail air a’ chothrom a th’ ann luach a bharrachd a chur air na dh’fhiosraich­eas luchd-tadhail ann an Alba, agus gu sònraichte air a’ Ghàidhealt­achd, Innse Gall, agus na h-Eileanan an Iar.

Thar leth-cheud bliadhna tha cosnadh bho thurasachd air fàs gu bhith na phrìomh phàirt de theachd-an-tìr Alba, agus ged a tha ceann a tuath ’s an iar na dùthcha a’ faotainn tomhas mhath den sin tha dragh ann gum bheil dìth plana-leasachaid­h coileanta na chnap-starra agus thathas ag obair a dh’ionnsaigh leithid sin a-nise.

Cha ghabh àicheadh gum bheil cosgais àitean-fuirich is ithe air fàs gu math daor an seo, agus tha feum air a h-uile tarraing a ghabhas foillseach­adh anns an fharpais luach airgid le bailtean turasachd thall thairis. Ri linn sin uile tuigidh sibh mo thàmailt a thaobh nan cothroman caillte, na mo bheachd-sa, ann an dà iris bhrèagha dhathte a thàinig thugam tro phàipearan-naidheachd air an t-seachdain seo chaidh. Bha iad le chèile a’ margaideac­hd na Gàidhealta­chd is nan Eileanan, ach a bharrachd air facal neo dhà ann an ainm ionaid an siud ’s an seo chan fhaca mi iomradh air Gàidhlig anns na h-aithrisean mu na rudan a tha tarraingea­ch dha luchd-tadhail. Chan urrainn dhòmhsa a thuigsinn ciamar, aig a’ char a bu lugha, nach do nochd rudeigin mu eachdraidh bheò a’ chànain, a ceòl, is a buaidh air ainmean-àite.

Mo nàire air cothrom caillte dhi, agus dhan ghnìomhach­as!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom