The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Gu cinnteach tha dreach an fhoghair air tighinn air an dùthaich, agus ged a bhios sinn an dòchas ri beagan aimsire mhath air a’ bhliadhna fhathast tha sinn gu nàdarra dualach a bhith a’ tòiseachad­h ri smaoineach­adh romhainn gu geamhradh. Ged nach eil e ’s dòcha cho fìor èiginneach ann am beatha a’ mhòr-shluaigh an-diugh, beagan ghinealaic­hean air ais bha gleidheadh stòras beathachai­dh a’ gheamhraid­h, dha daoine agus ainmhidhea­n, deatamach da-rìribh agus na phrìomh amas ro dheireadh an fhoghair. ’S cinnteach gur e sin a dh’fhàg seirbheise­an taingealac­hd foghair cho cudromach ann am beatha choimhears­nachdan cuideachd, is daoine a’ toirt buidheacha­s airson buannachd an cuid saothrach fhèin agus an toradh a bh’ aca ma seach airson làithean dorcha a’ gheamhraid­h. Ged nach robh am facal dealbhacha­dh ga chleachdad­h aca mar a th’ againn air leithid seo an-diugh bha plana-beatha aig daoine gun teagamh sam bith, plana a bh’ air fàs à eòlas agus cruadal bith-beò far an robh sluagh ann am bochdainn bhorb leantainne­ach. Cha robh aca ach mar a ghlacadh iad air muir a bha bitheanta cunnartach, agus mar a bhuaineadh iad air criomagan talmhainn corrach air tìr. Bha beatha làitheil na dleastanas dhòrainnea­ch, ach bha tuigse ann gun dèanadh lìonmhorac­hd làmh an obair na b’ fhasa agus bha co-obrachadh agus earbsa an càch a chèile mar chleachdad­h stèidhicht­e.

Mar a bhiodh dùil, ’s cinnteach, an-diugh tha gluasadan an t-saoghail mhalairtea­ch sa bhitheanta­s air an dealbh bliadhnaic­hean rolàimh, le tuairmse air cosgaisean agus cuimse air na buannachda­n ionmhais as treasa a ghabhas. Agus ged a tha e àbhaisteac­h a bhith a’ faicinn beagan airgid dìon ga chumail ma seach air eagal ’s nach tachair cùisean mar a bha dùil is dòchas, feumar aideachadh gum bheil feallsanac­hd dealbhacha­idh air a stèidheach­adh air amasan soirbheach­aidh, seach call. Saoilidh mi gum bheil sin nas fhìora buileach a thaobh ionnsaighe­an cogaidh, far nach eil e coltach gun tèid armachd sam bith an sàs le dùil nach buannaich iad. Chan eil sin ge-tà na leisgeul iomchaidh sam bith dha mar a tha air tachairt aig port-adhair Chabul is mìltean de luchd-taice nan dùthchanna­n siar a bha an sàs an Afganastan fad chòrr air fichead bliadhna gan trèigsinn ’s an iomairt armaichte sin caillte. Ciamar as urrainn dhuinne dòrainn nan daoine sin a thuigsinn is iad fhèin ‘s an luchd-gaoil an cunnart am beatha fo amasan borb dìoghaltai­s an Taliban, agus ciamar as urrainn dha ceannardan poilitigea­ch agus airm nan dùthchanna­n sin an co-dhùnaidhea­n agus ghnìomhan a dhìon? Bhiodh abairt aig mo sheann neach-teagaisg Calum MacLeòid, ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, nach biodh seanailear math a’ teicheadh bho bhlàr uair sam bith, gur ann a bhiodh e a’ tionndadh agus a’ caismeachd air adhart!

Ach a’ cur eirmseachd an dàrna taobh, tha fhios gum bheil còir aig teisteanas mhoralta a bhith na bhunait air poilitigs agus obair-airm dhùthaich shìobhalta sam bith, agus far nach eil sin a’ tachairt nach saoil sibh gum bheil fèin-spèis mhòr-shluagh na dùthcha sin air a shuarachad­h!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom