The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Mun àm a bhios sibh a’ leughadh seo saoilidh mi gum bi aire mhòran de shluagh an t-saoghail air co-labhairt COP 26 ann an Glaschu, is tuigse a’ fàs nach eil dùthaich neo duine nach eil dol a dh’fhaireacha­dh buaidh blàthachad­h na cruinne. An seo an Alba tha sinn mothachail air tiormachd mhì-chumanta tron t-samhradh, agus leithid nan tuiltean millteach a chunnacas anns na crìochan bho chionn bheagan làithean. Nochd fios iongantach bhon chompanaid­h aiseig Caledonian Mac a’ Bhruthainn gum b’ fheudar còrr air sia mìle seòladh de shoithiche­an na companaidh a chur dheth anns na naodh mìosan mu dheireadh, agus bha droch shìde na mhàthair-adhbhar dha mòran den trioblaid.

Tha seanfhacal ag ràdh gur e goirteas a chinn fhèin is dorra do gach neach, agus saoilidh mi gur ann mar sin a tha mòran againn air a bhith a thaobh blàthachad­h na cruinne, agus sinn a’ faireachad­h gur e dùbhlan a tha seo a tha ùine romhainn fhathast agus an urra ri ceannardan poilitigea­ch agus ghnìomhach­asan eadar-nàiseanta a leasachadh. Ged a tha dleastanas­an oirnn uile a thaobh na h-àrainneach­d bidh gun teagamh a’ bhuaidh as motha an urra ris a’ bheagan leis a’ chumhachd as motha! A dh’aindeoin fianais luchd-iomairt fad bhliadhnai­chean chan eil iad fhathast air buaidh gu leòr a thoirt air feallsanac­hd agus modhan-obrach gus stad a thoirt air milleadh gnàth aimsire na cruinne. Chan e a-mhàin gum bheil uimhir a’ meas seo mar uallach chuideigin eile, tha cuid de na daoine as cumhachdai­che san t-saoghal a’ dol às àicheadh gum bheil blàthachad­h na cruinne idir a’ gabhail àite! Mo bheannachd air na ceatharnai­ch a chuir ùine agus astair mhòra às an dèidh gus fianais a thogail a’ caismeachd tro mheadhan Ghlaschu fa chomhair luchd-poilitigs agus cheannarda­n an t-saoghail. Bidh cuid nach toir spèis sam bith dha leithid de dh’iomairt, ach ’s fhiach cuimhneach­adh gun tog clachan beaga càrn mòr, agus ’s iomadh adhartas ann an sìobhaltac­hd an t-saoghail a bha an urra ri daoine a thog fianais agus a rinn spàirn airson leasachadh.

Abair gum bheil ceannardan air a bhith dripeil, is cruinneach­adh an G20 san Ròimh dìreach beagan làithean ron cho-labhairt aimsire COP 26 ann an Glaschu, agus ’s dòcha gum biodh e nàdarra dhuinn uile a bhith air ar misneachad­h a’ faicinn nan riaghladai­rean cumhachdac­h sin a’ cuimseacha­dh aire air Sluagh, Saoghal, agus Soirbheach­as. (People, Planet, and Prosperity!) Ach mar a tha seanfhacal eile ga chur cho ealanta, ged ’s e beul a labhras ’s e gnìomh a dhearbhas, agus bha e car mì-chneasta mar eisimpleir a bhith a’ faicinn a’ Chinn-suidhe Biden a’ siubhal tron Ròimh le ochdad ‘s a còig carbad agus a’ mhòr-chuid dhiubh sin air an giùlan à Ameireagai­dh a dh’aon ghnothaich! Cha bhiodh duine ag àicheadh dìon iomchaidh dha, ach nach saoileamai­d gum biodh carbadan freagarrac­h rim faotainn air mòr-thìr na Roinn Eòrpa seach a bhith a’ gànrachadh na h-iarmailt le itealain ag aiseag chàraichea­n air ais ’s air adhart thar a’ Chuan an Iar!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom