The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Leis a’ Bheachd seo a’ nochdadh air ceann-latha cuimhneach­aidh cho sòlaimte tha e iomchaidh aithne agus spèis mhaireann a’ chomharrac­hadh dha laoich a dh’ìobair am beatha anns an dà Chogadh Mhòr, agus anns gach blàr fuilteach eile bhon àm. Ged a tha fios is cinnt gun deach iomadh neach gu cath an aghaidh an toil, agus aig amannan le ceist fiù ’s carson a bha am blàr ga chur, choilean iad an dleastanas a chaidh orra agus ro thric chailleadh òigridh ghinealaic­hean. Gu ìre tha lot nam blàr sin fhathast ga fhulang is ri fhaicinn, gu h-àraid ann an coimhearsn­achdan iomaill na dùthcha, far an tug e buaidh leantainne­ach air àireamhan sluaigh, is neart eaconamach, agus far na dh’fhàg crìonadh sluaigh cuideachd crìonadh ann an neart dualchais, cultair, agus cànain. Gun teagamh b’ e sin pàirt de bhuaidh an t-strì gus saorsa a ghleidhead­h dhuinne a tha beò an-diugh, agus a’ leantainn na sìthe tha riaghaltas­an fa leth air a bhith a’ toirt gheallaidh­ean air leasachaid­hean. Tha beagan air tachairt, ach tha sin cho slaodach is gum bheil dragh air mòran gum bheil an t-iomall dol a chall roimhe ’s às a dhèidh ri linn ’s cho màirnealac­h ‘s a tha adhartas a ghleidheas òigridh agus dòchas anns na coimhearsn­achdan dùthchail sin.

Thàinig an t-sìth sa Chogadh Mhòr is dìreach uair a thìde samhlachai­l air fhàgail mus cuireadh an cinne-daonna às don t-saoghal, agus dh’aontaich ceannardan na cruinne gun ionnsaicht­e, agus nach tachradh a leithid a-rithist. Ach mar a tha mòr-thinneas Covid air a dhearbhadh tha iomadach seòrsa blàir a dh’fhaodas buaidh a thoirt air an t-saoghal, agus na òraid aig fosgladh co-labhairt eadar-nàiseanta COP26 ann an Glaschu air an t-seachdain seo chaidh, thuirt am Prìomhaire Boris Johnson gum bheil gànrachadh àrainneach­d na cruinne air ar toirt gu beagan mhionaidea­n bho dhà uair dheug agus sgrios an t-saoghail! Ged nach robh for ann fad bhliadhnai­chean gun robh uimhir de chron ga dhèanamh air an àrainneach­d tha co-dhiù caogad bliadhna a-nise bho thòisich rabhaidhea­n air nochdadh bho eòlaichean, ach tha cumhachd ionmhais air bacadh a chumail air adhartas gus dìon a dhèanamh air a’ ghnàth-aimsir! Cha robhas ga thuigsinn mar chogadh ach gun fhiosta dhuinn tha sinn air a bhith a’ cur às dhan t-saoghal agus ar n-àite-còmhnaidh.

Ged a thug na cogaidhean a bh’ ann droch bhuaidh air na h-iomaill cha do chuir iad às dhan tìr, ach sin an dearbh chunnart anns am bheil uimhir de na coimhearsn­achdan iomallach feadh an t-saoghail an-diugh. Tha at na mara a’ sìor bhleith nan cladaichea­n, agus far am bheil tìr ìosal thathas a’ cur air mhanadh dha gum faodadh sin a dhol à sealladh fon t-sàl ann am beagan bhliadhnai­chean. Chan e a-mhàin gun caillear tìr ach falbhaidh sluagh, cànan, cultar, agus dualchas aig an aon àm. Abair adhbhar iomagain dhan t-saoghal agus chan iongnadh gum bheil uimhir de spàirn ga dhèanamh gus aontachaid­hean sheasmhach eadar-nàiseanta a choileanad­h gus cor a’ ghnàth-thìde a ghleidhead­h ron dà uair dheug!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom