The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Chan eil teagamh nach eil faclan anns a h-uile cànan a tha nas cudromaich­e na chèile agus saoilidh mi gum bi am facal a tha a’ ciallachad­h “earbsa” àrd air gach liosta! Le gach sluagh sìobhalta an eisimeil siostam riaghlaidh air choreigin, tha cothromach­d beatha na dùthcha gu bhith an crochadh gu mòr air ìre na h-earbsa a bhios aig an t-sluagh nan cuid cheannarda­n. Feumar earbsa aig ìre sam bith, ach gu sònraichte aig ìre cheannard riaghaltai­s, a chosnadh tro mhodhan-obrach agus ghnìomhan, chan eil dòigh eile air creideas a ghleidhead­h agus mòr-chuid a riarachadh.

Sin an seòrsa dùbhlain a tha a’ lèireadh Boris Johnson agus a chuid riaghaltas an-dràsta, agus aig àm sgrìobhaid­h seo chan eil lasachadh air na h-ionnsaighe­an air ann am meadhanan na dùthcha agus tha e doirbh fàisneachd a dhèanamh air ciamar a dh’fhaodadh cùisean a bhith ann am beagan làithean nuair a bhios sibh a’ leughadh a’ cholbh seo. Cha do mheall e ach na dh’earb às, tha seanfhacal ag innse dhuinn! Uill saoilidh mi gur ann ainneamh a chithear seanfhacal ris nach aontaichte, ach feumar aideachadh gum bheil buaidh na h-earbsa a chuir luchd-taice Tòraidh ann am Boris Johnson a’ bualadh oirnn uile feadh na rìoghachd, ’s coma dè an seasamh poilitigea­ch a dh’fhaodadh a bhith againn! Sin pàirt de dhìleab riaghladh dheamocrat­aigeach agus anns a’ bhitheanta­s thathas a’ coimhead ri dealas phàrtaidhe­an dùbhlain gus maothachad­h a dhèanamh air feallsanac­hd pàrtaidh riaghlaidh. ’S fhurasta a thuigsinn mar a bhiodh càineadh agus dùsgadh mì-chliù mu bhuill an riaghaltai­s na phàirt den iomairt sin, agus abair gum bheil sinn air leithid sin fhaicinn bho chionn ghoirid ann an Westminste­r!

’S math an airidh cuideachd far am bheil amharas làidir agus fianais a’ nochdadh, ach saoilidh mi gum bheil feum air faiceall nach eil a’ chuimse nàiseanta air a’ chuspair seo tro na meadhanan a’ claonadh aire a’ mhòr-shluaigh bhon chunnart anns am bheil Breatann, agus an saoghal, bho ghalar leantainne­ach Chovid ann an riochd Omicron. Gun teagamh tha e iomchaidh gun tèid fìrinn na thachair ann an Sràid Downing aig àm na Nollaige ann an 2020 a rannsachad­h gu mionaideac­h, agus gun tèid briseadh sam bith air riaghailte­an a bh’ ann aig an àm a pheanasach­adh. Ach chan eil tinneas a’ dèanamh taghadh neo sgaradh poilitigea­ch agus tha e deatamach gun obraich riochdaire­an gach pàrtaidh còmhla anns an iomairt gus ceannsacha­dh a thoirt air Omicron, agus seirbheis na slàinte a dhìon ann an suidheacha­dh sam bheil a’ bhìoras seo a’ sgaoileadh aig astar eagallach.

Nuair a bha mi ag èisteachd cuid de na ceistean aig a’ choinneimh naidheachd aig a’ Phrìomhair­e beagan làithean air ais far an robh na h-eòlaichean Pàdraig Vallance agus Crìsdean Whitty a’ soillearac­hadh carson a bha iomairtean ùra gan cur an gnìomh ri linn buaidh Omicron, bha mi a’ faireachad­h agus a’ tuigsinn frionas nan eòlaichean. ’S e dìon slàinte an t-sluaigh am prìomh amas, agus an dleastanas, a tha mar uallach dhuinn uile!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom