Beachd Ailein
Chan eil teagamh nach eil faclan anns a h-uile cànan a tha nas cudromaiche na chèile agus saoilidh mi gum bi am facal a tha a’ ciallachadh “earbsa” àrd air gach liosta! Le gach sluagh sìobhalta an eisimeil siostam riaghlaidh air choreigin, tha cothromachd beatha na dùthcha gu bhith an crochadh gu mòr air ìre na h-earbsa a bhios aig an t-sluagh nan cuid cheannardan. Feumar earbsa aig ìre sam bith, ach gu sònraichte aig ìre cheannard riaghaltais, a chosnadh tro mhodhan-obrach agus ghnìomhan, chan eil dòigh eile air creideas a ghleidheadh agus mòr-chuid a riarachadh.
Sin an seòrsa dùbhlain a tha a’ lèireadh Boris Johnson agus a chuid riaghaltas an-dràsta, agus aig àm sgrìobhaidh seo chan eil lasachadh air na h-ionnsaighean air ann am meadhanan na dùthcha agus tha e doirbh fàisneachd a dhèanamh air ciamar a dh’fhaodadh cùisean a bhith ann am beagan làithean nuair a bhios sibh a’ leughadh a’ cholbh seo. Cha do mheall e ach na dh’earb às, tha seanfhacal ag innse dhuinn! Uill saoilidh mi gur ann ainneamh a chithear seanfhacal ris nach aontaichte, ach feumar aideachadh gum bheil buaidh na h-earbsa a chuir luchd-taice Tòraidh ann am Boris Johnson a’ bualadh oirnn uile feadh na rìoghachd, ’s coma dè an seasamh poilitigeach a dh’fhaodadh a bhith againn! Sin pàirt de dhìleab riaghladh dheamocrataigeach agus anns a’ bhitheantas thathas a’ coimhead ri dealas phàrtaidhean dùbhlain gus maothachadh a dhèanamh air feallsanachd pàrtaidh riaghlaidh. ’S fhurasta a thuigsinn mar a bhiodh càineadh agus dùsgadh mì-chliù mu bhuill an riaghaltais na phàirt den iomairt sin, agus abair gum bheil sinn air leithid sin fhaicinn bho chionn ghoirid ann an Westminster!
’S math an airidh cuideachd far am bheil amharas làidir agus fianais a’ nochdadh, ach saoilidh mi gum bheil feum air faiceall nach eil a’ chuimse nàiseanta air a’ chuspair seo tro na meadhanan a’ claonadh aire a’ mhòr-shluaigh bhon chunnart anns am bheil Breatann, agus an saoghal, bho ghalar leantainneach Chovid ann an riochd Omicron. Gun teagamh tha e iomchaidh gun tèid fìrinn na thachair ann an Sràid Downing aig àm na Nollaige ann an 2020 a rannsachadh gu mionaideach, agus gun tèid briseadh sam bith air riaghailtean a bh’ ann aig an àm a pheanasachadh. Ach chan eil tinneas a’ dèanamh taghadh neo sgaradh poilitigeach agus tha e deatamach gun obraich riochdairean gach pàrtaidh còmhla anns an iomairt gus ceannsachadh a thoirt air Omicron, agus seirbheis na slàinte a dhìon ann an suidheachadh sam bheil a’ bhìoras seo a’ sgaoileadh aig astar eagallach.
Nuair a bha mi ag èisteachd cuid de na ceistean aig a’ choinneimh naidheachd aig a’ Phrìomhaire beagan làithean air ais far an robh na h-eòlaichean Pàdraig Vallance agus Crìsdean Whitty a’ soillearachadh carson a bha iomairtean ùra gan cur an gnìomh ri linn buaidh Omicron, bha mi a’ faireachadh agus a’ tuigsinn frionas nan eòlaichean. ’S e dìon slàinte an t-sluaigh am prìomh amas, agus an dleastanas, a tha mar uallach dhuinn uile!