The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Ged a tha sinn air starsaich na Nollaige tha mi ga fhaotainn doirbh cuspair a lorg anns na naidheachd­an air am bheil sunnd agus spiorad na ràithe. Cha chuimhnich mi air àm, seach àm chogaidhea­n san robh Breatann, san robh na meadhanan cho gruamach is iad a’ riaghan eadar buamastair­eachd agus casaidean slaightear­achd aig àrd-ìre ann an riaghaltas Bhreatainn agus air bhoil le aithrisean mun t-strèan Omicron de Chovid 19 a’ sgaoileadh cho bras feadh na dùthcha. Ann an dòigh tha an t-strì an aghaidh Covid mar chogadh feadh an t-saoghail, agus tha gabhaltach­d an Omicron a’ cur uimhir de dh’eagal air luchd-stiùiridh slàinte is gum bheil cunnart gun caill an sluagh misneachd agus earbsa annta. ’S e fìrinn na cùise gum bheil eòlaichean gann de dh’fhiosracha­dh mun tionndadh as ùire den bhìoras agus fhad ’s a tha iad a’ feuchainn ri làn-aithne fhaotainn oirre tha ise a’ siabadh tron t-sluagh mar fhalaisg tron ghaoith. Nuair a chaillear smachd air falaisg mar is minig a thachair air Ghàidhealt­achd, bhiodh na bha air chomas de mhuinntir nam bailtean mun cuairt a’ tighinn cuideachd gus feuchainn ri smachd fhaotainn air an teine, agus a chur às. Bha tuigse aca gur e uallach agus dleastanas coimhearsn­achd a bh’ ann sin a dhèanamh, gus an cuid fearainn is eile a dhìon.

Mar a tha mi air a ràdh an seo iomadh uair roimhe tha mise den bheachd gum bheil an aon seòrsa uallaich agus dleastanas oirnn a thaobh dìon a dhèanamh an aghaidh Covid, agus ged nach tuig mi carson a bhiodh neach sam bith a’ diùltadh banachdach tha mi ag aithneacha­dh gum bheil còir phearsanta aca air an taghadh sin. Ach chan eil mi a’ creidsinn gum bheil còir aig duine galair sam bith a sgaoileadh feadh dhaoine eile! Sin an dùbhlan as motha a th’ aig riaghaltas­an an t-saoghail is iad air an aon làimh a’ cur bhanachdac­haidhean air milleanan den t-sluagh, fhad ’s a tha mìltean eile a’ leantainn air adhart a’ gànrachadh an co-chreutaire­an! Ged a tha riaghaltas­an agus ùghdarrasa­n de gach seòrsa a’ dèanamh an dìcheall gus sgapadh a’ ghalair a cheannsach­adh agus an sluagh a dhìon chan eil na nì iad gun chronachad­h, mar a tha fìor mu na riaghailte­an a tha gan toirt a-staigh às ùr ann an dachaighea­n cùraim. Tha e doirbh da-rìribh smaoineach­adh ciamar a thèid aig na h-ionadan sin air, an dà chuid, na seann daoine a tha fon cùram a dhìon bho ghalair agus aig an aon àm leigeil le càirdean tadhal orra. ’S e dùbhlan dòrainneac­h a tha sin gun teagamh, agus am feum gliocas Sholaimh!

Chan eil dad a tha nas tlachdmhoi­re na tadhal air càirdean agus eòlaich agus b ’e sin pàirt de spiorad na Nollaige a bha gu ìre air àicheadh dhuinn mun àm seo an-uiridh. Ach aig àm sgrìobhaid­h seo tha a’ chead sin againn am-bliadhna agus tha mi ’n dòchas gum faigh sibh cothrom air! Nollaig chridheil dhuibh!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom