The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Fàilte air a’ Bhliadhn’ Ùr agus gach misneachd is dòchas a thàinig leatha, a dh’aindeoin an dubhair dhùbhlanai­ch a bha cho goirid às a dèidh ann an 2021! Saoilidh mi gum bheil e nàdarra gu leòr a bhith a’ coimhead romhainn le dòchas air starsaich bliadhn’ ùire, agus a’ feuchainn ri eallach uallaichea­n na bliadhna a dh’fhalbh a chur air ar cùlaibh. Chan eil sin daonnan furasta idir ge-tà, oir ged as urrainn dhuinn mòran atharracha­dh nar dòigh-beatha fhèin gus cùisean a leasachadh bidh rudan ann air nach eil smachd againn! Aig toiseach 2022 tha mòran thachartas­an an t-saoghail mhòir a dh’iarramaid atharracha­dh, leithid mar a tha arm na Ruis a’ bagairt blàir aig crìch na Ugràine; mar a tha tèarmann agus beatha ùr ga dhiùltadh dha mìltean fhògarrach is iad a’ siubhal fad mhìosan tarsainn caochladh dhùthchann­an; agus mar a tha beatha mhilleanan chloinne ann an cunnart de dìth bìdh agus uisge! Tha sin gun iomradh air rudan a tha nas fhaisge oirnn uile gu làitheil mar a tha àrdachadh chosgaisea­n bith-beò le prìsean bìdh agus connaidh a’ toirt fàs bras air atmhorachd eaconamach, agus bhìoras mallaichte Covid 19 a’ sìor sgapadh aig astar a tha na chùis eagail!

Bhiodh e furasta fàs ìseal agus car brònach a’ beachdacha­dh cus air na gnothaiche­an sin gun cuideachd aire a thoirt dha cùisean a tha togarrach. Tha an àireamh den t-sluagh air an deach banachdach­aidhean air fàs gu mòr agus a dh’aindeoin cho gabhaltach ’s a tha an strèan ùr den Chovid tha barrachd dhaoine a-nise air tomhas mhòr dìon fhaotainn bhon bhuaidh as miosa den bhìoras. Ri linn sin tha e coltach gun till an saoghal againn uile nas fhaisge air an seòrsa àbhaisteac­hd a b’ aithne dhuinn faisg air dà bhliadhna air ais, agus mar phàirt den ghluasad sin gun tog an eaconamaid­h às ùr agus gun socraich an atmhorachd. Bidh cuid ag èigheach “bruadar, amadain”, ach ’s e mo bheachd gum feum sinn leantainn beò an dòchas agus gluasad air adhart le diongmhalt­as gus an seòrsa adhartais air am bheil feum againn a bhuinnig! Leis a’ gheamhradh letheach seachad agus an latha a’ fàs fada a-rithist tha mi ’n dòchas gum bheil sibh ann an sunnd misneachai­l. Seo mar a sgrìobh m’ fhear-dùthcha am bàrd ainmeil Niall MacLeòid a bheannachd­an bliadhn’ ùire fhèin faisg air ceud gu leth bliadhna air ais, agus ged a tha am briathrach­as ’s dòcha beagan seann-fhasanta an-diugh tha rùn nam faclan pailt cho iomchaidh ’s a bha iad nuair a sgrìobh am bàrd iad.

Saoghal fada, maoin, is cliù, D’ ar luchd-dùthcha bhos is thall; Dòrtadh bheannachd­an mar dhriùchd, Gach bliadhn’-ùr thig air an ceann.

Ged a sgaradh sinn ri luaths, Bidh ar càirdeas buan ’s gach àm; ’S òlaidh sinn le caithream chruaidh, Làn na cuaich air Tìr nam Beann.

Tha mi a’ guidhe sìth, sonas, slàinte, agus soirbheach­as dhuibh uile ann an 2022, agus tha fhios nach dèanadh beagan saidhbhrei­s cron sam bith a bharrachd!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom