The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Cha b’ fhada a thug naidheachd­an na dùthcha, agus an t-saoghail, a’ teasachadh às ùr an dèidh beagan analach làithean-saora deireadh na bliadhna agus ann am Breatann tha na h-aon chasaidean guineach air ais anns na meadhanan aig ìrean fiù ’s nas faramaiche na bha an- uiridh. Chan eil sealladh ga chall air Covid agus sgapadh an t-strèan Omicron, ach ’s iad an dà sgeulachd as “blasta” leis na meadhanan, agus theagamh a’ mhòr-shluagh, na bha a’ tachairt ann an Sràid Downing tro àm a’ ghlasaidh, agus na casaidean eucoir feiseil a tha ga chur às leth a’ Phrionnsa Anndra ann an cùirt an New York.

Tha gach sgeulachd maslach ann an dòighean eadar-dhealaicht­e ach tha iad le chèile an eisimeil an aon dà fhuasgladh, sin fìrinn na thachair ann an da-rìribh, agus fianais a dhearbhas an fhìrinn sin. ’S iomadh adhbhar a bhios a’ fàgail dhaoine feargach mun dà shuidheach­adh seo, agus nam measg sin bidh mar a tha cumhachd agus beartas a’ toirt comas dhan fheadhainn air am bheil casaidean cumail a’ dol ag àicheadh cron. Dearbhadh air mar a tha daoine beò ann an saoghail eadar-dhealaicht­e, far am faicear tric cumhachd airgid agus ughdarras mì-iomchaidh na chois.

Cha b’ iongnadh cuideachd dearg-chuthach a bhith air daoine a dh’èist a-rithist ’s a-rithist ris a’ Phrìomhair­e, agus ri Ministeara­n a’ cur taic ris, gu mòrchuisea­ch ag innse dhan dùthaich nach deach riaghailt sam bith a bhriseadh. B’ i an teachdaire­achd a bhathas a’ biathadh dhuinne gun robh sgioba Sràid Downing lèirsinnea­ch agus tuigseach a thaobh na bha, is nach robh, ceadaichte agus nach robh dòigh a dhèanadh iad dad ceàrr! Aig amannan ma thèid argamaid aithris tric gu leòr tòisichidh daoine ga chreidsinn mar fìrinn, ach a rèir choltais chan eil sin idir air obrachadh dha Boris Johnson agus tha a-nise cuid de na Buill Pàrlamaid aige fhèin a’ moladh dha a dhreuchd mar Phrìomhair­e a leigeil dheth. Aig àm dhomhsa seo a sgrìobhadh tha mòran de luchd-taice a’ Phrìomhair­e a’ gabhail fasgaidh air chùl na h-aithisg rannsachai­dh a tha an t-àrd-sheirbheis­each chatharra Sue Gray a’ deasachadh air na thachair ann an Sràid Downing tro àm a’ ghlasaidh. Theagamh gum bi an aithisg sin air nochdadh mun àm a bhios sibh a’ leughadh seo, ach a rèir choltais tha mòran air co-dhùnadh mar-thà gun do dh’innis am Prìomhaire breugan mu na cuirmean aig 10 Sràid Downing, agus na b’ aithne dha mun deidhinn, agus ri linn sin tha iad den bheachd gum bheil e air creideas agus earbsa an t-sluaigh a chall. Cha chreidear an fhìrinn bho bheul nam breug!

Cha b’ e annas a bh’ ann gun deach urraman Rìoghail a thoirt air falbh bhon Phrionnsa Anndra, gu dearbh b’ iongantach nach do thachair e na bu luaithe. Tha an fhìrinn tric searbh, agus ’s coma mar a chrìochnai­cheas a’ chùis-lagha sam bheil esan an sàs tha e air cron maireannac­h a dhèanamh air cliù agus inbhe an teaghlaich Rìoghail.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom