The Oban Times

Dreuchd ùr ann an 2022?

-

Aig an àm seo den bhliadhna, bidh sinn gu tric a’ smaoineach­adh air ar dreuchdan atharracha­dh agus mar sin is dòcha gum bi an goireas ùr aig Bòrd na Gàidhlig feumail dhuibh ma tha sibh a’ beachdacha­dh air dreuchd ùr ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. A’ leantainn air na dleastanas­an agus geallaidhe­an a tha ann am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-23 gus tidsearan Gàidhlig a thrusadh, a ghlèidhead­h is oideachadh agus sanasachd a dhèanamh air teagasg Gàidhlig mar dhreuchd, tha Bòrd na Gàidhlig air padlet a chruthacha­dh mar ghoireas ùr. Tha seo a bharrachd air a’ bhileag aig Comhairle Choitchean­n Teagaisg na h-Alba ‘A bheil thu airson teagasg sa Ghàidhlig?’.

Dè a th’ann am padlet?

’S e goireas didseatach a th’ ann am padlet a tha a’ tabhann aon àite airson stuthan a chur an cèill – nàdar de bhòrd-fiosrachai­dh air-loidhne - far a bheil làraich-lìn, sgrìobhain­nean agus bhideothan air an cruinneach­adh air balla. Air gach padlet lorgair na slighean eadar-dhealaicht­e a-steach gu teagasg sa Ghàidhlig, air an cruinneach­adh agus air an taisbeanad­h ann an cruth soilleir. Tha e na amas gum bi seo na dhòigh shìmplidh agus tharrainge­ach dha daoine am fiosrachad­h a tha a dhìth orra gus gluasad gu teagasg sa Ghàidhlig a lorg ann an aon àite.

Cò dha a tha e?

Tha aon phadlet ann a tha ag amas air stiùireadh a thoirt do thidsearan clàraichte a tha airson an sgilean cànain a leasachadh gus gluasad gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig; agus padlet eile dhaibhsan a tha a’ beachdacha­dh air cùrsa Foghlam Gàidhlig a dhèanamh aig ìre fo-cheum no iar-cheum gus Gàidhlig a theagasg na cuspair fhèin neo cuspair àrdsgoile a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Ciamar a gheibh mi cothrom air?

Gheibh sibh a-steach dhan phadlet le bhith a’ sganadh an còd QR leis an inneal agaibh. Ma tha ceistean sam bith agaibh, nach cuiribh fios don Oifigear Leasachaid­h againn aig angela@gaidhlig.scot

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom