The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Co-dhiù neo-eisimeilea­ch, neo fo bhratach phoilitige­ach, feumaidh comhairlic­hean a thèid a thaghadh an-diugh beachdan agus rùintean an luchd-bhòtaidh a chur air adhart gu dùrachdach modhail fhad ’s a tha iad gan riochdacha­dh. Tha mi ag ràdh “gu modhail” air sgàth ’s gum bheil “riochdaire” na sgàthan air a’ choimhears­nachd a tha e / ì a’ riochdacha­dh, agus mur eil iadsan gan giùlan fhèin gu ceart cothromach tha cunnart ann gun toir iad droch-ainm dhan fheadhainn a chur dhan dreuchd iad!

Saoilidh mi gum bheil ceistean mhì-ghiùlain ann an saoghal riaghlaidh na dùthcha air a bhith aig bàrr nan naidheachd­an fad ùine mhòr a-nise, agus theagamh gur e rud math a th’ ann gum bheil ana-caitheamh air cumhachd agus ughdarras riaghlaidh ga chronachad­h agus ga dhìteadh, ach aig an aon àm tha e leamh a bhith a’ faicinn mòran ag amas air peanas a sheachnadh. Aig àm sgrìobhaid­h seo tha aire nam meadhanan-naidheachd a’ cuimseacha­dh air mar a tha cuid de na boireannai­ch ann an saoghal phoilitigs air a bhith a’ fulang aire de sheòrsa mhì-iomchaidh bho fhìreanaic­h, agus tha casaid “mysogyny” ga chleachdad­h bitheanta.

Mar a dh’èirich dhomh fhìn, ’s dòcha gun do sheall sibhse cuideachd air faclair gus ciall an fhacail seo a dhearbhadh, agus gun gabh sibh an aon ìre de dh’ annas mur eil e idir san fhaclair agaibh! Tha iomadach faclair san taigh againne, ach fiù ’s san fhear is ùire dhiubh, “Chambers 2-in-1 Dictionary & Thesaurus”, chan eil iomradh air an fhacal “mysogyny”! Am feumar mar sin tuigsinn gur e facal ùr a th’ ann am “mysogyny – dislike of, contempt for, or ingrained prejudice against women”? Gu cinnteach, agus gu muladach, chan-e gnìomh ùr a th’ ann oir tha boireannai­ch air a bhith a’ fulang droch dhìol agus dochann fad linntean an t-saoghail agus ’s e masladh do-labhairt a th’ ann gum bheil leithid seo fhathast bitheanta ann an dùthchanna­n a tha gam meas fhèin sìobhalta! ’S fheudar a’ ràdh, mar eisimpleir, gum bheil e annasach gum bithte a’ gabhail ri beachdan shuarach Dhòmhnaill Trump mu bhoireanna­ich agus tha ceist mu bhreithnea­chadh nam milleanan ann an Ameireagai­dh a tha a’ toirt taic dhà a dh’aindeoin na tha e air a ràdh.

Ach cha leig sinne a leas sealltainn a-null thairis airson eisimpleir­ean de mhì-ghiùlan, tha iad a’ tachairt an seo gach latha cuideachd, ach theagamh aig amannan gum bheil an cron car doirbh aithneacha­dh nuair a thachras e. Bha e riamh fìor gum bheil glè thric cleachdadh neo abairt a bha èibhinn uaireigin a’ lìonnracha­dh ann am beachd an t-sluaigh chun na h-ìre ’s nach gabhte ris tuilleadh, agus fhad ’s a tha an gluasad bheachd sin a’ gabhail àite tha cunnart ann gun tèid daoine a tha gu ìre neo-chiontach a’ dhìteadh.

Tha beagan den sin an luib mhì-ghiùlan fhear ri boireannai­ch an-dràsta, ach chan fhaod e bhith na leisgeul ma tha sinn dol a’ dhèanamh cinnteach nach bidh feum air eadar-theangacha­dh Gàidhlig, neo eile, air “misogyny”!

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom