The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN

- Angus Macdonald

Chaneil càil ùr ann a bhith cluinntinn gu bheil gàradh Àranais ann a Leòdhas ann a staing, or tha eachdraidh a’ ghàraidh air a bhith sìos agus suas bho chaidh fhosgladh an toiseach bho chionn dà fhichead bliadhna. Tha cuimhn’ agam a’ cheud iomradh a chuala sinn air a’ ghàradh, ’n uair a chaidh clarcan nam bailtean a th’air Oighreachd Steòrnabha­igh a ghairm gu coinneamh ri còmpanaidh Fred Olsen. Bha’m athair na measg, agus thàinig e air ais le sgeulachd gu robh an còmpanaidh Nirrbheach a bha seo, ag iarraidh gàradh ola thogail faisg air tigh-soluis Àranais, aig beul Loch Steòrnabha­igh. Bha geallaidhe­an ann gum biodh cosnaidhea­n gu leòr ann, agus cothroman do dh’oigridh na h-Eileanan sgillean ionnsachad­h a chumadh iad ann an cosnadh airson bliadhnaic­hean. Aig an àm bha tòrr a’ tachart le gàraidhean eile dha fosgladh sìos is suas oir-tìr na h-Alba, Ciseorn is Bagh an Eig, Àrd na Saor agus UIE air Abhainn Chluaidh. Bha àitichean eile far a robh iad ag iarraidh gàraidhean fhosgladh ach an darna cuid chaidh muinntir an àite nan aghaidh no bha aobharan eile leithid sgìrean gleidhteac­hais a’ cuir stad orra. Cha robh càil dha na sin na chnap-starra againne agus cha robh e fada gus na thòisich an obair, agus chaidh a’ bhùth-obrach, a th’ann fhathast ach a’ mhàin gun deach slige ùr a chuir oirre as deidh stoirm 2015, a’ cuir air a casan. Tha cuimhn’ agam, agus sinn a’ feathamh ri bus a Heb ar toirt dhachaidh as a sgoil, agus sinn a’ feathamh a’s a stance air cùl Gàradh an Acrais, a bhith coimhead sreath mhòr do luchd-obrach Àranais a’ feathamh an turna fhèin a dhol a steach a’ Bhanca DhàilChlua­idh air là paighidh. Bhiodh a h-uile mac mathair le seacaid thermal dorch gorm, agus bhiodh a luchd-tàthaidh le na bonaidean ‘cromer’ a bhiodh orra fo na clogaidean­tàthaidh, fhathast mun cinn. Bha gu leòr ann a’ leig seachad a bhith na saoir, no plumairean airson ceard ùr ionnsachad­h. Chaidh feadhainn a bha nan ceardan-dealan a dh’obair ann cuideachd, agus gu leòr aig nach robh sgillean sam bith, a’ tòiseachad­h aig a’ bhonn, ach le cothrom sgillean ùr ionnsachad­h. Chuir mi fhìn seachad pàirt do shàmhradh ann, agus mi air saor-làithean as an oilthigh, agus ’n uair a chriochnai­ch mi ann a sin, cha robh na bha sin do chosnaidhe­an ann a gheibhinn leis a’ cheum a bh’agam, agus fhuair mi obair le bruis agus shovel a’ glanadh a’ chlàr-ola, ‘Drillmaste­r’, na suidhe ann an Glomaig agus iad dha h-atharracha­dh bho chlàr-tollaidh gu clàrbuanna­chaidh ola. Chaidh tòrr a’ bharrachd obair a dhèanamh oirre na bha dùil a chionns gun deach t-èile dhan an aon sheòrsa, an ‘Alexander Kielland’, fodha as a’ Chuan a Tuath as deidh dhith briseadh as a’ chèile. Bha Steòrnabha­gh an uairsin mun baile chitheadh tu ann a fiolm John Wayne, airgiod gu leòr ’s gun càil a leisg air daoine cheathamh. Bha feadhainn ann a’ rinn buannachd mòr as, bha feadhainn air na rinn e call, a’ toirt dhaibh cothrom air deoch nach robh aca riamh roimhe sin. Bha feadhainn eile dh’ionnsaich sgillean ann a thug air feadh an t-saoghail iad ann an gnìomhacha­s na h-ola. Agus aig an àm ud bha na milltean ag obair ’s a’ ghàradh, le fiughs bàtaturusa­chd Nirrbheach ceangailte ris a’ chidhe ann an Glomaig airson luchd-obrach bho tìr-mòr, agus bho air feadh an t-saoghail a bhith furachd oirre. An diugh chaneil càil an èis ach a’ bhùthobrac­h, beagan is ceud ag obair innte agus i feathamh ri na làithean a dh’fhalbh a thighinn a-rithist. Uaireanan tha’n eaglais mar sin cuideachd, a’ coimhead air ais gu làithean mòr a’ chreidimh, as bith am biodh e na bu chiallaich­e bhith coimhead ri Dia airson rud eigin ùr a dhèanamh.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom