The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Bha sinn a-muigh aig Beinn Phabuil deireadh na seachduinn­each agus sinn a’ toirt cuairt timichioll na mointich agus sìos gu bàrr nan creag. Agus shuas faisg air mullach na beinne–chaneil i ach mu dhà cheud troigh os ceann na mara–lorg sinn curra-mheadhagan. Bhiodh iad ag radha ruinn gur e blaeberry a’ Bheurla airson na dearcan a tha seo, ach chaneil càil a choltas aca riutha sin. Tha’d sin a’ fàs air planndrais­ean coltach ri planndrais­ean dearcan gorm a th’agam a’s a’ ghàradh, ach tha na curra-mheadhagan a’ fàs air seòrsa do fhraoch. Tha na dearcan fhèin beag, dubh ’n uair a tha’d abaich, mu mheud ceann match tòrr aca, agus mu gheibh thu feadhainn a tha cho mòr ri peasair, tha thu dèanamh glè mhath.

Se crowberry a’ Bheurla cheart air a son, agus gu dearbha chan e ainm glè mhaiseach a tha sin. Bhiodh sinn dhan cruinneach­adh ann an crocaichea­n silidh ’n uair a bha sinn beag, ach bha chuid is motha aca cho geur, agus gu robh iad duilich an ithe. Bha cuid dhan an fheadhainn mhòr beagan nas milis, agus bha sùgh dorch purpaidh a’ tighinn asda. ’S trìc a bha sinn le roilean purpaidh sìos ar smiogaidea­n, agus sinn a comh-strì ri chèile airson faicinn co dh’itheadh barrachd, geur ann no as. Bhiodh sinn a’ faighinn barrachd aca aig Beinn a’ Bhuna ’n uair a bhiodh sinn a’ dol gun an airigh ann a sin còmhla ri Ceiteag piuthar mo mhàthair.

Aon shàmhradh, thàinig Tarmod bràthair mo mhàthair a-mach cuideachd agus e dol a chuir pìos a-mach air an àirigh. Ach aon là ’s an obair seachad, thug e mach cuairt sinn gu Loch na Sgiath, agus fhuair sinn ultaichean do churra-mheadhagan ann a sin. Chan fhaca mi iad ariamh a’ dèanamh silidh leotha–’s tòcha nach b’fhiach iad an t-saothair a dhol dhan cruinneach­adh airson na gheibheadh tu asda. Tha mi’n amharas gu robh na caoraich agus na h-eòin a’ faighinn a chuid is motha aca.

As deidh togail làn mo chròig agus an cuir gu curamach ann am poca beag a bh’agam na mo phòcaid, rinn sinn a-mach taobh Àrd-chirc agus thionndaid­h sinn sìos gu Bogha nam Bodach. Tha e iongantach mar a tha na caoraich air ithe a fraoch air bàrr nan creag, agus chaneil càil ann a sin ach feur, agus tha sin uaireanan ceud slat bho bhàrr nan creag. Ach a meadhon na mointich, tha feur is fraoch is còinneach a’ fàs a-measg a’ chèile, agus uaireanan cho domhainn ’s gun teid thu fodha ann suas gu do ghlùinean.

Ag radha sin tha barrachd chaoraich air a bhith muigh air a’ phìos mointich a tha seo air an t-samhradh sa na tha mi air a choimhead bho chionn iomadach bliadhna, agus tha crodh air a bhith muigh ann an Àrd-chirc pàirt dhan a’ bhliadhna cuideachd. Dhèanadh e chùis le dhà na thrì cheudan eile airson a’ mhointeach a thoirt air ais gu ìre far a robh i feumail airson ionaltradh agus furusda a coiseachd. Agus tha’d ag radha gum biodh sin math dhan an eunlaith cuideachd. An drasda tha fada cus eòin creachaidh ann, agus iad air a bhith neadachadh agus an uairsin a’ tighinn a-steach gu na bailtean.

Tha mhointeach na dealbh dha’r beatha. Mar is motha theid a’ cleachdadh agus feum a dhèanamh dhith, a’ glanadh air falbh na rudan a’s nach eil feum, ’s ann is motha bhuannachd­an a thig aiste. Far nach eil taisbeanad­h theid a sluagh a dhìth.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom