The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

Angus Macdonald

-

fheàrr, agus tha sin a rèiste ceart gu leòr. Ach tha e ciallachad­h gu feum mi an aon rud a dhèanamh air a làrach eile, 'n uair a gheibh mi thuige. Tha clachan nas motha na laithe air feadh an ionnlainn shìos aig ceann na bàthaich far na sgaoil sinn cuid dhan an talamh a thàinig a bunait a' phìos a chuir sinn a-mach air an tigh. Gheibh mi air feum a dhèanamh dhan an fheadhainn sin, agus tha dòrnagan gu leòr a-mach bho cheann a deas an tighe cuideachd. Feumaidh mi'n uairsin beagan a' bharrachd talamh a chuir dhan a làraich, gus nach bith iad a' coimhead cho falamh, agus airson ùrachadh a thoirt dha na rudan a tha fàs annta.

Chì thu nise rudan a' tòiseachad­h a' fàs. Tha duilleagan ùr a' tighinn air na callaidean agus tha feur a' coimhead tòrr nas uaine agus a' fàs fada cuideachd. Tha ùr-fhàs a' tighinn air na craobhan, agus uaireanan 'n uair a sheallas mi ris a' ghàradh, tha mi farachduin­n cabhaig a' toiseachad­h annam fhìn agus farachduin­n gu bheil rudan a' tòiseachad­h ag eigheachd gu feum coimhead riutha. Tha i fuar fhathast ged tha agus chaneil a là fada gu leòr airson cabhaig a chuir air a sin, ach tha thu farachduin­n nach eil e fad' as. Tha mi coimhead sùilean a' bhuntàta fàs beagan nas motha na laithe as na bucais a's a' bhàthach, ach tha tìde gu leòr ann dhaibhsan fhathast. Tha na h-eòin a' tòiseachad­h a' cruinneach­adh cuideachd agus iad a' coimhead ri tòiseachad­h a' neadachadh, agus tha aon isean ann, tha mi smaoineach­adh gur tòcha gur e brù-dearg a th'ann, a tha feadalaich troimh'n an oidhche. Chaneil fhios agam a bheil e air a dhol iomaral, na'n e nach do mhothaich mi dhaibh a' dèanamh a leithid a's na bliadhnaic­hean roimhe seo. Tha dà starrag timichioll cuideachd. Chaneil mi ro dheigheil orrasan oir tha'd buailteach brath air na h-uain air a bhios iad dha'm breth. Ach gun teagamh tha'd eirmiseach agus furachail. Bithidh mi cuir a-mach rùsgan na lusan a bhios sinn ag ithe, dhan an òcrach a th'agam a's an ionnlainn lusan. Nise tha mi air sùil a thoirt grunn thuruis agus mi dol a-mach agus chaneil sgeul air na starragan. Cha bhith mi càil ach air na rùsgan a thilgeadh dhan an òcrach, 'n uair a' nochdas iad, mun Laurel and Hardy. Co as a tha'd a' tighinn? Agus ciomar a tha fios aca g'eil mi air rud eigin a chuir amach? Nach eil e iongantach g'eil Dia a' dèanamh cinnteach g'eil cothom aig fiughs na starragan fhèin am biadh fhaighinn, a' dearbhadh g'eil a' churam fhathast dha'r cuairteach­adh. The Press and Journal | Saturday, March 18, 2017 49

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom