The Press and Journal (Inverness, Highlands, and Islands)

Angus Macdonald

-

phuist air muin na h-oirean aice airson a' cumail sìos. Ach tha mi air mothachadh gu bheil cuid dha na sùbhagan agus chaneil duilleagan air a thighinn orra suas na casan a bh'air fhàgail bho'n uiridh. Tha mi tòiseachad­h a' gabhail amharas gur e mi fhìn bu choireach. Toiseach a' gheamhraid­h, bha mi coimhead a' ghaoth a' slàraigead­h orra, fiughs ged a bha'd agam air an ceangal asteach, agus gu dearbha bhris i bàrr grunn aca. Gheàrr mi na barran bho chàch gus nach biodh uighir a chothrom aig a' ghaoth orra, ach cha chreid mi nach ann a rinn mi call.

Chaneil fhios agam de mur a bhios na hubhlan a bharrachd. Tha mi coimhead coltas ubhal bheag no dhà, ach sin uighir am bliadhna. Cha d' thàinig sìthean idir air an treas craobh, agus sin an aon tè bho nach do gheàrr mi càil. Feumaidh mi liost a dhèanamh dhan an fheadhainn is corr dhomh gearradh agus an fheadhainn nach coir. Tha'm buntàta a' toiseachad­h a' tighinn troimhe agus tha'n t-sreath ann a-nise an ìre mhath, agus feumaidh mi a phriogadh a dh'aithghearr. Nise nach eil e iongantach, tha'm pìos talamh a's a robh am buntàta an uiridh breac le barran, far na dh'fhàg mi buntàta as mo dheidh gun fhiost - agus tha h-uile gin dha na sin, tòrr nas adhartaich­e na'n fheadhainn a bha mi 'g altrum gu cùramach a's a' bhàthach bho earrach a chaidh. Tha mi dol dha fàgail agus chì sinn de'n toradh a bheir iad a-mach a-staobhar. Ach air a shocair, leis a bhlàths agus uisge an drasda 's a-rithist, tha h-uile càil a' fàs.

Di-haoine chaidh, agus a' chòrr do Bhreatainn le tuainealai­ch nan cinn le oidhche an taghaidh, nochd mo charaid Uilleam a chuir gainmheach air a lot. Chuir e fras eile do stuth-marbhaidh na luibheanac­h oirre bho chionn dà sheachduin­n agus tha i tòiseachad­h a' coimhead rud eigin coltach ris mar a bha i bho chionn dà fhichead bliadhna. Rinn fear bho'n a' Cholaist sgrùdadh air an talamh bho chionn dusan bliadhna, agus bha esain a' dèanamh dheth gu robh feum aice air ochd tonnaichea­n gainmheach airson an t-searbhachd a thoirt as an talamh. Tha na hinealan gu leir aig Uilleam agus cha robh e fhèin fada dha sgaoileadh. Thuirt e gun toir e timichioll air bliadhna, gun teid a' ghainmheac­h troimh'n an talamh agus gun toisich i toirt buaidh. Feumaidh a h-uile càil deasachadh is cùram, is glanadh air falbh a huile càil a tha dol as a rathad mas tig an toradh. Ach a dh'aindeoin obair, 's ann a tha'n toradh an urra ri Fear a ni sin, dìreach aig an àm cheart. The Press and Journal | Saturday, June 17, 2017 41

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom