The Scotsman

FTG: far a bheil adhartas tha dòchas

-

THA cuimhne agam sna seachdadan mapa de dh’alba fhaicinn an Sgoil Eòlais na halba ann an Dùn Èideann. Bha e a’ sealltainn crìonadh na Gàidhlig tro na linntean, na hàiteachan far an robh i air a bruidhinn air an sealltainn le dath bàndhearg agus an dath nas duirche mar bu mhotha an àireamh amach às a’ cheud a bha ga bruidhinn. Aig an àm sin cha robh ach na heileanan agus pìosan beaga de thìrmòr a bha le bàndhearg nas duirche.

Bidh mi tric a’ smaoineach­adh ciamar a bhiodh am mapa sin andiugh. ’S dòcha nach biodh bàndhearg nas duirche idir ann a bha a’ riochdacha­dh far an robh 70 às a’ cheud no barrachd de luchdlabha­irt na Gàidhlig. Ach chan e sin deireadh an sgeòil. Dà fhichead bliadhna on uair sin agus cho math ri crìonadh, gu hiongantac­h, tha fàs beag air a bhith ann, taobh ri taobh ris a’ chrìonadh.

’S e an rud, mura biodh am fàs a tha seo air a bhith ann, agus tha mi a’ ciallachad­h foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG), cha bhiodh cùisean ach air a bhith gu math truagh. A rèir cunntasslu­aigh 2001, bha mu 59,000 neach ann an Alba aois 3 no os a chionn a b’ urrainn Gàidhlig a bhruidhinn. Ann an 2011, b’ e mu 58,000. Faodaidh sinn a bhith cinnteach, mura b’ e am fàs a th’ air a bhith ann am FTG gum biodh an àireamh sin gu math nas lugha.

Bha cùisean gu math dubhach dhan Ghàidhlig anns na seachdadan. Cha robh FTG air tòiseachad­h. Bha daoine a’ tuigsinn nach robh an seòrsa foghlaim a bh’ ann, ’s e sin a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair, anns a’ bhunsgoil no san àrdsgoil, a’ dol a thoirt dhuinn clann a bha fileanta no lethfhilea­nta sa chànan. Mura tachradh rudeigin agus gu luath cha bhiodh mapa na Gàidhlig le tuar bàndhearg sam bith, ’s ann a bhiodh e geal.

Uill, chan e sin buileach a thachair. Ann an 1985 thòisich FTG ann am Bunsgoil Sir John Maxwell ann an Glaschu agus ann an Sgoil a’ Mheadhain ann an Inbhir Nis. Bha 24 sgoilear eadar an dà sgoil. Anis tha 2,818 duinecloin­ne a’ faotainn FTG ann am bunsgoilte­an ann an Alba. Tha trì bunsgoilte­an ann a tha gu tur Gàidhlig agus trì eile a bhios ann ro dheireadh 2016. An tacsa ris an tsuidheach­adh a bh’ ann anns an seachdadan, tha piseach mòr air tighinn air cùisean.

A bheil sin a’ ciallachad­h gum bi tuar bàndhearg air mapa na halba arithist? Tha e soilleir nach bi a’ chiadghrei­s agus gun ach 1.1 às a’ cheud den tsluagh a’ bruidhinn Gàidhlig agus iad sin sgapte air feadh Alba. Tha an suidheacha­dh toinnte agus tha mòran dhòighean anns am faodar coimhead air cùisean.

Chan eil foghlam leis fhèin a’ dol a shàbhaladh Gàidhlig. An aon rud a “shàbhailea­s” i ’s e ma bhios miann aig gu leòr dhaoine a bruidhinn ’s a toirt dhan ath ghinealach.

Tha Bòrd na Gàidhlig anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta airson 201217 a’ tuigsinn sin. Tha iad a’ cur cuideam air foghlam aig na diofar ìrean, ach cuideachd air Gàidhlig anns an dachaigh ’s anns a’ choimhears­nachd, agus tha e ceart gu bheil iad a’ dèanamh sin. Tha an sgoil ’s na healain ’s na meadhanan cudromach ach mura bi Gàidhlig anns an teaghlach ’s anns a’ choimhears­nachd, cha bhi i beò ro fhada.

Agus a’ bruidhinn mu dheidhinn coimhearsn­achd, tha e soilleir gu bheil diofar choimhears­nachdan Gàidhlig ann: air an tuath anns na heileanan an Iar; na sgoiltean anns na bailtean; corra àiteobrach; saoghal na sgoilearac­hd; na meadhanan sòisealta. Cha mhòr nach tuirt mi soidhniche­an rathaid, ach chan eil iad sin a’ dol a chruthacha­dh coimhearsn­achd. Ged a dh’fhaodadh iad misneachd a thoirt do thè a th’ ann mu thràth.

B’ àbhaist dhuinn a bhith ag ràdh gun robh cridhe na Gàidhlig ann an Gàidhealta­chd nan eilean. Ach chan eil mi cinnteach a bheil sin fìor tuilleadh. Tha faisg air leth luchdlabha­irt na Gàidhlig taobh amuigh na Gàidhealta­chd ’s nan Eilean. Dh’fhaodadh gu bheil cridhe na Gàidhlig – no codhiù leth a’ chridhe sin – air gluasad gu na bailtean mòra mar Glaschu, Dùn Èideann agus Inbhir Nis, far a bheil iarrtas mòr air nochdadh airson FTG.

Tha e soilleir sna làithean air thoiseach, nuair a thig e gu Gàidhlig, gum bi ciall eile aig an fhacal coimhearsn­achd. Bidh a’ choimhears­nachd sin sgapte air feadh Alba agus an tsaoghail. ’S e lìonra agus lìonraidhe­an a bhios ann. Bidh a’ Ghàidhlig beò, ach cha bhi i gu bràth mar a bha i ceud bliadhna air ais.

Ach ann am foghlam gu hàraidh, tha adhartas mòr air a bhith ann o chionn dà fhichead bliadhna. Agus far a bheil adhartas mar sin, gun teagamh sam bith tha dòchas.

 ??  ?? “Dh’fhaodadh gu bheil cridhe na Gàidhlig air gluasad gu na bailtean mòra”: sgoilearan B6 Chantelle Steel, Bronwen Stahl agus Lilli Mcshea, Bun-sgoil Taobh na Pàirce, Dùn Èideann, 2013
“Dh’fhaodadh gu bheil cridhe na Gàidhlig air gluasad gu na bailtean mòra”: sgoilearan B6 Chantelle Steel, Bronwen Stahl agus Lilli Mcshea, Bun-sgoil Taobh na Pàirce, Dùn Èideann, 2013
 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom