The Scotsman

Bile na h-alba: tha PNA a’ tarraing an aghaidh an làin

- SEONAIDH CAIMBEUL

CHAIDH gluasadan gus barrachd chumhachda­n a thoirt do Phàrlamaid na halba a bhótadh sìos aig Westminste­r an tseachdain seo, a dh’aindeoin rabhaidhea­n bho gach taobh de Thaigh nan Cumantan gum faodadh mìrùn pàrtaidhea­n an Aonaidh iarrtas a neartachad­h ann an Alba air son neoeisimei­leachd.

A’ moladh atharracha­dh air Bile na halba 2015 ann an deasbad an tseachdain roimhe, thuirt Sir Edward Leigh, a tha ’na reubaltach am measg nan Tóraidhean, nach dèanadh “rud sam bith nas lugha na fhéinriagh­ladh” an gnothach gus Alba a chumail san Aonadh agus gun robh e ciallach a réir prionnsaba­ilean a’ phàrtaidh aige fhéin gum biodh Alba fo làn chùram a thaobh an dà chuid cìsean agus cosgaisean. Thug Pàrtaidh Nàiseanta na halba (PNA) taic do dh’atharracha­dh Leigh a bheireadh làn chumhachda­n do dh’alba air gach nì ach dìon, gnothaiche­an céin agus peinnseana­n cho luath agus a ghabhadh dèanamh, ach thug iad asteach atharracha­dh aca fhéin a dh’ionnsaigh làn smachd ionmhasail ceum air cheum, thairis air ùine nas fhaide.

Getà, bhót 298 ball an aghaidh atharracha­dh Leigh, 68 air a shon. Chuir 60 taic ri atharrach Aonghas B Macnèill: “Math dh’fhaoidte gum bi cothrom ann air son reifreann eile” adh PHNA, le 309 ’na aghaidh.

Tha am Bile aig ìre chomataidh andràsta, nuair a thig gach facal fo sgrùdadh. Ge bith dé bhios ann aig ceann ghnothaich ean, tha e coltach nach fhaigh Alba am féinriaghl­adh a gheall buidhnean “Nas Fheàrr Còmhla” ro reifreann 2014. Cha téid buanmhaire­annachd Pàrlamaid na hAlba a dhaingeach­adh ann an lagh reachdail na Rìoghachd Aonaichte nas motha, a dh’aindeoin bòid pàrtaidhea­n an Aonaidh anuiridh. Ged a fhuaireadh taic o na Làbaraich gus 271 bhót a tharraing air a shon, bhót 302 ’na aghaidh, a’ sealltainn cho doirbh ’s a tha gnothaiche­an don Phàrtaidh Nàiseanta agus mórchuid aig na Tóraidhean.

Dh’innis Aonghas Brianan Macnèill, Ball Pàrlamaid nan Eileanan aniar, don cholbh seo: “Bhris Dàibhidh Camshron a’ bhòid a rinn e anuiridh. Ged a chaill sinn a’ bhót tha sinn air an deasbad fhéin atharracha­dh gu mór. Tha cuid de na Làbaraich ann an Sasainn a tha bàidheil don chùis againn ach se an siostam fhéin a tha ceàrr. Chan e amhàin am pàrtaidh againne a tha air son atharracha­idhean ach buidhnean eile a tha an sàs le sluagh na halba, leithid Eaglais na halba agus an comataidh aca air beatha shòisealta, a tha ag iarraidh rudeigin nas fheàrr.

“Mur faigh Alba cumhachdan a bharrachd, math dh’fhaoidte gum bi cothrom ann air son reifreann eile.”

 ??  ??
 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom