The Scotsman

Feum ga thoirt á iolairean mara

-

THA croitearan air a bhith a’ trod ri Comann Dìon nan Eun agus iad a’ cumail amach gu bheil iolairean mara a’ falbh le uain nach eil ach air am breith. A’ dol ás àicheadh sin, tha iadsan dhan bharail nach tog iad ach uain a tha lag, meata, agus an impis bàsachadh codhiù.

Seach a bhith gan càineadh sann a tha iadsan a tha an sàs ann an turasachd anis gam moladh, oir tha na mìltean a’ tighinn gan coimhead. Chaidh ionad amhairc a stèidheach­adh aig Caol Reatha agus tha mòran ga thathaich. Far am bi iasg bidh eòin, agus chithear iolairean mara air an sgèith agus anns a’ mhuir. Gu hìosal tha dòbhrain, ròin, puthagan, faoileagan agus eòin mara eile a bhios a’ snàmh anns an uisge. Phàigh Comisean nan Coillteara­n son an tionad a thogail, oir tha diofar chraobhan timcheall, ’s bu chòir do luchd turais ùidh a bhith aca annta.

Cuideachd, tha e coltach gu bheil barrachd a’ cleachdadh an aisig aig Caol Reatha seach gu bheil e comasach na tha a’ dol fhaicinn air an turas thairis. Mar sin tha na heòin a bha ri cron anis ri buannachd, agus feumar cuimhneach­adh gu bheil croitearan a bha a’ trod mu chall nan uan iad fhèin a’ coimhead as dèidh luchd turais agus a’ deanamh airgid orra. Nach iad na Sgitheanai­ch a tha fortanach!

Tha an seanfhacal ag ràdh: “Cha deanar buannachd gun chall.” Ach se chanas na Sgitheanai­ch ach, “Cha deanar call gun bhuannachd.” TORMOD E DÒMHNALLAC­H

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom