The Scotsman

’S ann dha a rug an cat an cuilean: Ùisdean san Leabharlan­n Nàiseanta

- Le ÙISDEAN MACILLINNE­IN

Chan eil a leithid de dh’àite ann air an t-saoghal ann an iomadach dòigh, agus ged a tha iomadh Leabharlan­n Nàiseanta ann air feadh an t-saoghail, bu chòir dhuinn a bhith moiteil às an aitreabh phrìseil againn fhèin air Drochaid Sheòrais IV anns a’ phrìomh-bhaile, an Dùn Èideann.

Nis, bidh gu leòr a’ leughadh seo a bhios ag ràdh riutha fhèin gu bheil fhios aca air sin – ma ghabh sibh ceum PHD mar eisimpleir ann an oilthigh sam bith, tha deagh sheans gun do chuir sibh ùine gu leòr seachad a-staigh san togalach.

Rinn mi fhèin sin bho chionn fichead bliadhna, agus a-nis tha mi a’ dol a chur seachad earrann mhath de bhliadhna eile ann, fo stiùir an Leabharlai­nn fhèin agus Acadamaidh Spòrs Oilthigh Dhùn Èideann, a tha air cothrom a thoirt dhomh a bhith a’ rùrach na mheasg mar Sgrìobhaic­he Spòrs.

Nis, tha atharracha­idhean mòra air tighinn air an Leabharlan­n Nàiseanta anns an ùine bhon bha mi ga chleachdad­h bho thùs. Am prìomh rud, gu bheil na dorsan sgaoilte chun na gaoithe agus fàilte ga cur air a h-uile duine. Rud nach robh a’ tachairt uaireigin, nuair a dh’fheumaiste leum seachad air geata-bacaidh aig mullach na ciad staidhre a bha buailteach na casan agad a bhriseadh mur an robh thu sgiobalta gu leòr son leum a-steach. An-diugh, cleas iomadach buidhinn phoblaich eile, ’s ann ag amas air daoine a thàladh agus a tharraing a tha an Leabharlan­n, a’ feuchainn ri àireamhan a chur am meud, ach cuideachd a’ feuchainn ri aire dhaoine a tharraing chun an stòrais eireachdai­l a th’ aca, ann an dòigh gu tur ùr. Agus am measg sin, tha oidhirp gu math sònraichte ga dèanamh gnothaiche­an Gàidhlig a leudachadh agus a sgaoileadh mar phàirt dhen àbhaisteac­hadh a tha iad a’ faicinn iomchaidh anns an latha th’ ann.

Bidh a’ mhòr-chuid a bhios a’ cleachdadh an Leabharlai­nn a’ dol ann son adhbhair gu math sònraichte no mionaideac­h. Gnothach ’s dòcha anns nach eil ùidh aig mòran dhaoine ach an neach sin fhèin. Agus chan eil càil ceàrr air sin. Ach ’s e cnag na cùise, mar a fhuair mi fhèin a-mach anns na beagan sheachdain­nean a tha mi air a bhith an làthair, gu bheil uimhir de stuth aca, anns na diofar thoglaiche­an agus fo na diofar chinn, is nach eil fhios aca fhèin ann an dòigh dè th’ aca.

Gu deimhinne, tha ròs aca air bogsaichea­n agus cruinneach­aidhean agus liostaiche­an ach, gu math tric, chan eil na gnothaiche­an sin mionaideac­h gu leòr, no a’ mìneachadh dè th’ ann, no co-theags na cùise.

An toiseach, ma-thà, ’s t-fhiach àireamh no dhà a’ cur air ur beulaibh mun stòras: 20 millean rud fa leth anns na cruinneach­aidhean; 24 millean ma tha sinn a’ gabhail a-staigh rudan a tha didseatach. Tha dà mhillean map anns an stòras mhapaichea­n. Tha 300,000 pìos ciùil clobhuailt­e aca. Tha còrr is 25,000 pàipear-naidheachd aca – sin 25,000 tiotal, agus bho latha gu latha tha iad fhathast a’ cruinneach­adh 250 pàipear-naidheachd Albannach bhon h-uile ceàrnaidh de dh’alba. Tha an t-albannach 200 bliadhna a dh’aois am-bliadhna. Tha a h-uile iris dhen phàipear aig an Leabharlan­n.

Tha 3,000 pìos film fo chùram an Leabharlai­nn a dh’fhaodas sibh coimhead an-asgaidh ann an togalach ùr eireachdai­l aig Talla Khelvin an Glaschu.

Leabhraich­ean gun àireamh, cha mhòr, bho Bhìoball Ghutenburg gu na Broons, Oor Willie agus Bunty. Làmhsgrìob­haidhean, litrichean agus cruinneach­aidhean mu shreap, irisean, pìobaireac­hd agus bileagan. Agus an robh fhios agaibh gur ann air mheud a thathas gan tasgadh seach tiotalan no cuspairean no eile? Leis sin, thig thu air sgeilpiche­an a tha loma-làn de dhiofar sheòrsaich­ean cuspair, feadhainn dhiùbh ’s dòcha nach deach fhosgladh bhon latha thàinig iad a-staigh (agus tha 6,000 – seadh, sia mìle – a’ taomadh a-steach gach seachdain!). Agus an robh fhios agaibh gu bheil 13 làir anns an togalach a chì sibh air Drochaid Sheòrais IV?

Agus tha stuth ann mu spòrs. A h-uile seòrsa spòrs air an do smaoinich mac an duine. Agus gu leòr air nach do smaoinich sinn, agus ris nach biodh dùil ’s dòcha – a leithid roller-ball. Cha robh Ùisdean riamh ris an roller-ball agus cha bhi, ach bidh mi a’ rannsachad­h stuth an Leabharlai­nn agus ga fhuasgladh a-mach tro bhlogs, air-loidhne agus tro phrògraman rèidio, tha mi cinnteach, nuair a thig Coinneach Mòr às ar dèidh. Bidh fàilte roimhe, mar a bhios tro neach sam bith a tha le ceist a bheil leabhar againn air siud no seo. Agus gu sònraichte leabhraich­ean agus bileagan agus stuth eile co-cheangailt­e ri spòrs. Tha an obair a bhios mi a’ dèanamh a’ cur ri eòlas dhaoine air an stuth a th’ againn, a’ togail cheistean mu rud sam bith nach eil againn, agus a’ cruthachad­h stuth ùr son na làraichlìn agus sgoiltean. Bidh an rannsachad­h cuideachd a’ cur ri pròiseact eile anns a bheil mi an sàs a’ cuideachad­h dhaoine a tha a’ tighinn beò le seargadhin­ntinn no aonranachd. Agus tha an obair sin air a bhith na h-uallach agus na h-urram dhomh mar-thà.

Abair spòrs! Dà latha san t-seachdain, bidh mi cho sona ri fear a chuir cas am bròig. A’ leughadh leabhraich­ean, a’ cnuasachd agus a’ ceilearadh bho @ hughdanspo­rt no aig h.maclennan@nls.uk agus Hughda.maclennan@ ed.ac.uk. Feuch gun tig sibh a chèilidh. Ged nach urrainn dhuibh leabhar a thoirt a-mach às an fhàrdaich, mur bi mi air mo mhealladh, gheibh sibh freagairt air bhur ceist agus toileachas dha rèir.

 ??  ?? 0 Taghadh de na leabhraich­ean agus irisean spòrs a tha rim faotainn anns an Leabharlan­n Nàiseanta.
0 Taghadh de na leabhraich­ean agus irisean spòrs a tha rim faotainn anns an Leabharlan­n Nàiseanta.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom