The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 12Ò gmhios 1937

- Mr Dùghall Mac Lachlainn

Bhuineadh Mr Dhùghall Mac Lachlainn, nach maireann, do Aird-nam-murchann agus b’ aithne dhomh e bho làithean m’ òige. Chaith e a bheatha uile an Glaschu, far an robh e ‘na fhear-lagha agus fo mhór mheas aig Gàidheil a’ bhaile.

Cha do ghabh e riamh dad de ghnothach ris a’ Chomunn Ghàidheala­ch, oir cha bu toigh leis móran bruidhne gun math is rath a bhi ‘na déidh.

An uair a sheasadh e air sgàlan bha daonnan rudéiginn aige ri ràdh air neo cha b’ fhada gus an tigeadh e ‘mhàin.

A suas gu meadhoin aois bha e dìon, saothracha­il air taobh na Gàidhlig agus gach nì a bha coltach ri feum a dhèanamh do’n Ghàidhealt­achd, agus b’ ainneamh coinneamh aig nach faicte e nam biodh na cùisean so aice ‘san amharc. Am measg nam buidhnean a chuidich e a chur air ghleus bha a’ cheud Chomunn Gàidhealac­h a dh’fhàillinni­ch le cion cuideachai­dh, agus Comunn Gàidhlig Ghlaschu, a tha fhathasd an deagh chailm.

Cha d’ fhàg e móran de obair sgriòbhta ‘na dhéidh oir bu léir dha gu soillear nach robh ach glé bheag miadh air obair Ghàidhlig; ach dh’fhàg e meas is modh a chàirdean agus a luchd-eòlais, agus is minig a luaidhear ‘ainm gus an là diugh m’a bhios ceist chudtromac­h ‘sam bith ri fhuasgladh.

Tha a nighean pòsd an Glaschu agus cho dìleas do aobhar na Gàidhealta­chd ‘sa bha a h-athair. Mur eil i am broilleach gach comuinn tha i ri obair mhaiseach an dòighean eile.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom