The Scotsman

Tobar an Dualchais/kist o Riches air clach-mhìle air leth a ruighinn

- Le MAIREAD DHÒMHNALLA­CH

Tha Tobar an Dualchais/kist o Riches air clach-mhìle ùr a ruighinn leis an naidheachd gu bheil còrr is 40,000 clàr a-nise air làrach-lìn na buidhne (www.tobarandua­lchais.co.uk). Tha barrachd is 27,000 dhiubh anns a’ Ghàidhlig.

Chaidh Tobar an Dualchais, a tha stèidhicht­e aig Sabhal Mòr Ostaig, a chur air chois gus mìltean de dh’uairean a thìde de chlàran fuaime Gàidhlig agus Albais a ghleidhead­h ann an cruth didseatach, a chatalogad­h agus a sgaoileadh air-loidhne. A-nise, còrr is sia bliadhna bhon a chaidh fhoillseac­hadh air-loidhne airson na ciad uair, tha e aithnichte fad’ is farsaing mar fhear de na cruinneach­aidhean as cudromaich­e de leithid anns an Roinn Eòrpa agus na ghoireas luachmhor dha foghlam, na h-ealain agus coimhearsn­achdan ann an Alba.

Tha Donaidh Rothach, Cathraiche Thobar an Dualchais, air a bhith an sàs anns a’ phròiseact airson grunn bhliadhnai­chean agus na thosgaire dealasach air a shon. “Tha Tobar an Dualchais am measg nam pròiseacta­n as cudromaich­e anns a bheil mi air a bhith an sàs fad mo bheatha,” tha e ag ràdh, “chan e a-mhàin gu bheil e a’ toirt sealladh iongantach dhuinn fhìn, agus dhan t-saoghal mhòr, air ar dualchas anns na linntean a dh’fhalbh, ach tha e a’ brosnachad­h iomairtean ùra anns na h-ealain agus ann am foghlam.” Mar chathraich­e, tha e air a bhith eudmhor ann a bhith a’ sireadh luchd-maoineacha­idh ùr airson a’ phròiseict, a leithid Aberdeen Asset Management a dh’aontaich o chionn ghoirid taic a chur ris.

Tha a’ mhòr-chuid de na clàran air an làraich a’ tighinn bho thasglann Sgoil Eòlais na h-alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, cruinneach­adh mìorbhaile­ach a thòisich anns na 1950an le obair ghaisgeach mar Chalum Macilleath­ain, Iain Mac Aonghais, Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallac­h agus Hamish Henderson. Chaidh iadsan agus an co-obraichean timcheall na h-alba a’ togail òrain, sgeulachda­n, beulaithri­s agus còmhraidhe­an air iomadach cuspair bho air feadh na dùthcha. Tha an ceangal eadar am pròiseact agus Oilthigh Dhùn Èideann ri fhaicinn ann an diofar dhòighean eile cuideachd, mar eisimpleir anns a’ chùrsa stèidhicht­e air Tobar an Dualchais – Cultar agus Dualchas na h-alba – a tha ga ruith eadar Oilthigh Dhùn Èideann agus Sabhal Mòr Ostaig.

Tha cuideachd àireamh mhòr de chlàran ann bho chruinneac­hadh BHBC Alba. Tha iad seo a’ gabhail a-steach stuthan a chaidh a chlàradh na b’ fhaisge air ar latha fhèin, mar eisimpleir agallamhan bho Phrògram Choinnich, ach cuideachd ceòl bho mhòdan thairis air na bliadhnaic­hean, prògraman bho bhailtean air a’ Ghàidhealt­achd, seirbheise­an eaglaise agus iomadach cuspair eile.

A bharrachd air sin, tha clàran ann bho chruinneac­hadh Chanaigh, a tha a-nise bho chùram Urras Nàiseanta na h-alba. Chaidh sin a chur ri chèile le Iain Latharna Caimbeul agus ged as e cruinneach­adh beag a tha seo, an taca ris na tasglannan mòra eile, tha e air leth inntinneac­h, le cuid de na clàran as sine, agus clàran bho Albainn Nuaidh a bharrachd air Alba.

Ged a tha a-nise uimhir a chlàran rin cluinntinn air an làraich, chan eil seo idir a’ ciallachad­h gu bheil an obair deiseil. Tha mìltean de chlàran fhathast rin catalogadh. A bharrachd air sin, feumar cead fhaighinn bho chom-pàirtichea­n no an teaghlaich­ean mus tèid clàran fhoillseac­hadh air-loidhne – obair a tha a’ tarraing ùine, ged a tha e a’ toirt cothrom bruidhinn ris na teaghlaich­ean agus ceanglaich­ean nas làidire a thogail leotha. Tha Tobar an Dualchais cuideachd airson tuilleadh obrach a dhèanamh le sgoiltean agus coimhearsn­achdan, gus am faigh a h-uile duine a’ bhuannachd as motha às an làraich.

An ath-sheachdain, canaidh sinn barrachd mu na clàran a gheibhear air Tobar an Dualchais, agus na daoine a thug seachad iad, ach seo dìreach blasad de chuid den fheadhainn a tha rin cluinntinn.

Èistibh ri Ceit Nic a’ Mhaoilein a’ seinn Latha Dhomh ’s mi Buain a’ Choirce, òran a chaidh a chlàradh air uèir ann an 1949 le Iain Latharna Caimbeul. Coltach ri mòran de na seinneadai­rean a tha rin cluinntinn air Tobar an Dualchais, cha robh Ceit ainmeil air falbh bhon choimhears­nachd aice fhèin, ach tha a guth brèagha a-nise ri chluinntin­n air feadh an t-saoghail.

Cluinnear i aig http://www. tobarandua­lchais.co.uk/ fullrecord/20335/1.

Bheir Calum Ruairidh agus an Smeòrach (clàraichte le Sgoil Eòlais na h-alba le Aonghas Fletcher à Ùige san Eilean Sgitheanac­h ann an 1970) gàire oirbh agus tha sin ri fhaighinn aig http://www. tobarandua­lchais.co.uk/ fullrecord/93364/1.

Agus airson fiosrachai­dh air dòigh-beatha a dh’fhalbh, èistibh ri Dòmhnall Macilliosa à Hiort. Rugadh Dòmhnall ann an Hiort agus dh’fhàg e nuair a chaidh an t-eilean fhalmhacha­dh ann an 1930. Tha an còmhradh aige le Iain Friseal à Sgoil Eòlais na h-alba ri chluinntin­n aig http://www. tobarandua­lchais.co.uk/ fullrecord/85618/1.

An dòchas gun còrd iad ribh!

Mairead Dhòmhnalla­ch, Stiùiriche, Tobar an Dualchais/kist o Riches

 ?? Dealbh ©Sgoil Eòlais na h-alba, Oilthigh Dhùn Èideann ?? Calum Macilleath­ain a’ clàradh Aonghas Macnèill, Smiorasara­idh ann an 1959.
Dealbh ©Sgoil Eòlais na h-alba, Oilthigh Dhùn Èideann Calum Macilleath­ain a’ clàradh Aonghas Macnèill, Smiorasara­idh ann an 1959.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom