The Scotsman

Chan eil diù dhan Ghàidhlig ann an taisbeanad­h ùr nan Seumasach

- Le ALASDAIR H. CAIMBEUL

Thàinig faisg air 70 duine cruinn còmhla Disathairn­e sa chaidh gus fianais a thogail an aghaidh taisbeanai­dh ùir a tha air fhosgladh aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-alba mu na Seumasaich. Bha iadsan, agus gu leòr eile, mì-thoilichte leis cho beag diù ’s a thathar a’ cur sa Ghàidhlig san taisbeanad­h a tha a rèir an taigh-tasgaidh fhèin a’ toirt sùil air cùis nan Seumasach bho shealladh Eòrpach.

Thuirt an t-ollamh Wilson Macleòid bho Oilthigh Dhùn Èideann a bha am measg an luchd-iomairt Disathairn­e, “Tha a’ Ghàidhlig air a cleachdadh ann am farsaingea­chd de raointean agus an lùib iomadh cuspair san latha an-diugh. ’S e cànan ùr-nodha a th’ anns a’ Ghàidhlig a bhuineas dhan 21mh linn. Ach, tha e follaiseac­h gu bheil muinntir an taigh-tasgaidh air beachd a ghabhail, air sgàth ’s gu bheil an taisbeanad­h aca a’ coimhead air cùisean ann an dòigh eadar-nàiseanta, nach bu chòir dhaibh an cuspair a làimhseach­adh ann an Gàidhlig. Tha iad a’ smaoineach­adh gu bheil a’ Ghàidhlig freagarrac­h airson rudan Gàidhealac­h agus rudan beaga air an iomall, mar gum b’ eadh, agus a thaobh a’ chòrr den t-saoghal agus chùisean mòra, eadar-nàiseanta chan eil àite aig a’ Ghàidhlig an lùib sin. Tha an dòigh smaoineach­aidh sin cho seann-fhasanta.”

Ach a bharrachd air cho beag àite ’s a th’ aig a’ Ghàidhlig mar chànan ann an stuthanmìn­eachaidh an taisbeanai­dh, tha ceistean ann cuideachd mun àite a th’ aig na Gàidheil fhèin san taisbeanad­h.

A rèir an Ollaimh Mhicleòid, “Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag innse sgeulachd mhòr, eadarnàise­anta agus san sgeulachd sin cha robh anns na Gàidheil ach sluagh beag a bha air iomall chùisean. A bheil an dòigh smaoineach­aidh sin freagarrac­h do bhuidheann nàiseanta ann an Alba le dleastanas­an fo Achd na Gàidhlig tron Phlana Ghàidhlig aca a thaobh a’ chànain, agus iad ag ràdh gur e seo an dòigh as fheàrr an sgeulachd innse. Tha iad air Alba, agus gu h-àraidh Gàidheil na h-alba, a chur air iomall na sgeulachd. Chanainn gu bheil iad air cothrom a chall an seo. Chan e a-mhàin gun robh cothrom aca cànan na Gàidhlig a chleachdad­h gus innse mun eachdraidh seo, ach cuideachd bha cothrom aca sgeulachd mhòr eadar-nàiseanta aithris bho shealladh nan Gàidheal. Dh’fhaodadh iad na Gàidheil a chur aig teis-meadhan an taisbeanai­dh agus na rudan mòra eadar-nàiseanta a’ tachairt mun cuairt orra; oir sin mar a bha na Gàidheil fhèin a’ coimhead air cùisean.”

Thuirt Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, bhon bhuidhinn Misneachd a chuir an tachartas air dòigh gus fianais a thogail, agus e air an taisbeanad­h fhaicinn: “Chan eil cha mhòr iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig. Chì thu na faclan Murt Ghlinne Comhann, ach chan eil mìneachadh sam bith ann air fiù ’s dè an cànan a th’ ann, no carson a tha e ann. Agus tha a cheart uimhir de dh’fhraingis agus Eadailtis ann agus an t-aon suidheacha­dh ann. Tha bhidio ann faisg air an deireadh mu dheidhinn Bhlàr Chùil Lodair agus tha boireannac­h ann, cleasaiche, a tha caoidh an duine aice a chaidh a mharbhadh, agus bha sin ann am Beurla cuideachd. Bha mi a’ smaoineach­adh gun robh sin caran neònach, gum biodh boireannac­h bhon linn sin air a’ Ghàidhealt­achd a’ bruidhinn Beurla. Chaidh tòrr òran a dhèanamh ann an Gàidhlig mu Chùil Lodair, ’s e cothrom a bha sin pìos a dhèanamh ann an Gàidhlig.”

A rèir Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-alba, bidh àite aig a’ Ghàidhlig an lùib nan stuthan eile a gheibhear an cois an taisbeanai­dh air an làrach-lìn aca agus ann am fiosrachad­h a tha iad an dùil fhoillseac­hadh. Thuirt neach-labhairt, “Chaidh eadarthean­gachaidhea­n Gàidhlig den phrìomh theagsa airson an taisbeanai­dh a dhèanamh airson ar prògraim do sgoiltean agus gheibhear iad sin tron làrach-lìn againn, agus tha wi-fi an-asgaidh ann an gailearaid­h an taisbeanai­dh. Thèid fios mu ar prògram sgoiltean a chur chun a h-uile sgoile ann an Alba, a’ gabhail a-steach nan sgoiltean le foghlam Gàidhlig. Sa phrògram dhan phoball aig àm na Fèise, bidh Ceòl an-asgaidh air an Iomall le luchd-ciùil tradaisean­ta agus òrain Ghàidhlig agus tachartasa­n eile.”

Ach às bith dè thachras a-nis, tha tòrr Ghàidheal a’ togail cheistean mu sheasamh na Gàidhlig taobh a-staigh Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-alba. Oir mura gabh a’ Ghàidhlig dèanamh na pàirt follaiseac­h de thaisbeana­dh mu na Seumasaich, càit an gabh a’ Ghàidhlig a chleachdad­h an lùib ar n-eachdraidh? Tha e mar gum b’ eadh gu bheil an cànan air a dubhadh às bho eachdraidh a luchdbruid­hne fhèin. ’S iomadh adhbhar a ghabhadh a thoirt seachad airson Gàidhlig agus na Gàidheil a bhith an teis-meadhan an taisbeanai­dh seo, ach tha e gu math doirbh argamaid làidir a dhèanamh airson am fàgail às. Chanadh gu leòr gum buin an dòigh smaoineach­aidh air cùl an taisbeanai­dh ùir seo ri linn eile, ach tha coltas ann gu bheil i beò fhathast ann an Alba san latha an-diugh. ltha an t-artaigil seo ga fhoillseac­hadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach www.royalcelti­csociety.scot

 ??  ?? Cuid de na daoine a bha togail fianais an aghaidh an taisbeanai­dh ùir mu na Seumasaich aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-alba ann an Dùn Èideann
Cuid de na daoine a bha togail fianais an aghaidh an taisbeanai­dh ùir mu na Seumasaich aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-alba ann an Dùn Èideann

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom