The Scotsman

Ochionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 26 Ògmhios 1937

- AONGHAS MACEANRAIG

Mr Aonghas Robastan

Cha robh ceann-suidhe aig a’ Chomunn Ghàidheala­ch riamh a bu fhreasdala­iche dha na Mr Aonghas Robastan. Dh’ fhàg e e na bu bheartaich­e na fhuair e e, oir bha e gu mór ‘na mheadhoin air £11,000 no £12,000 a thogail ás a leth troimh fhéill mhóir an Glaschu. Rinn e rud no dhá eile a bha cheart cho cliùiteach. Chuidich e a’ Ghàidhlig a chur an leabhar nam mionaidean an àite na Beurla agus i bhi air a bruidhinn gu buileach an tràsda ’s a rithisd aig cuid de choinneamh­an a’ “Chomuinn.” Tha e nis air a chòmhnuidh a ghabhail an Sasunn, ach eadhoin an sin tha e a’ cumail a suas bratach na Gàidhlige agus daonnan ri fhaicinn aig coinneamha­n Gàidhealac­h an Lunnainn. Tha Mr Robastan ’na làn mhaighstir air cànain nam fineachan, agus chuir e am mach leabhar no dhà innte a th’ air am meas sònruichte airidh air moladh.

Tha “An t-ogha Mór” iomraideac­h am measg Ghàidheal a chionn gur e ach beag a’ cheud sgeul fada a chuireadh am mach ’nan cainnt agus, mar an ceudna, a chionn gu’m bheil e air a sgrìobhadh le snas is comas. Chuir e am mach fear Beurla o cheann ghoirid air am bheil na h-uiread de mhiadh.

Buinidh Mr Robastan do’n Eilean Sgitheanac­h a thug dhuinn móran de dheagh sgoilearan Gàidhlig.

Tha a chridhe le cloinn a chinnidh.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom