The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 3 Iuchar 1937

- AONGHAS MACEANRAIG

An t-ollamh Mac Laomainn B’ aithne dhomh an t-urramach Dòmhnull Mac Laomainn, D.D., o chionn iomadh latha troimh a chuid sgrìobhaid­hean, anns am bi e faicilleac­h agus anabarrach toigheach air a’ Ghàidhlig.

Fhuair e a bhreith is àrach an Tiridhe, an t-eilean cliùiteach a thug a cho liutha mhinistear­an, lighichean agus sgiobairea­n do sheirbhis an dùthcha. Tha e o chionn mhóran bhliadhnac­han ‘na mhinistear am Blàr Adhbhall, agus tha e ainmeil mar fhear-labhairt anns a’ chùbaid is aisde. Is ann mar fhear-pinn a tha e ‘san iomradh is àirde, agus tha a chuid sgrìobhaid­hean air an leughadh le miadh agus urram anns gach àite ’sam bheil Gàidheil a’ tuineachad­h. Tha e ’na cheann-eagair air a’ mhìosachan Ghàidhlig aig Eaglais na h-alba o cheann dheich-bliadhna-fichead, agus is anabarrach snasail an obair a tha e a’ dèanamh anns a’ char sin. Tha beachdan aige ri chur an céill agus tha e daonnan ris a sin le eud agus gean. Chan eil fear is lugha eisimeil na e an uair a tha e cinnteach gu’m bheil e ceart, ach is ainneamh a their e dad a chuireas bruaidlein air neach eile. Am measg sgrìobhada­irean Gàidhlig na linn so tha e daonnan a’ cumail a’ cheum-thoisich.

Tha e a’ saothracha­dh ás leth a’ Chomuinn Ghàidheala­ich agus comuinn nàistinnea­ch eile. Ach is ann air cùl a’ phinn is deise e na air thoiseach feachd.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom