The Scotsman

Dithis bhoireanna­ch is na chuir iad ri tobar ar dualchais phrìseil

- Le MAIREAD DHÒMHNALLA­CH

Tha stòras Thobar an Dualchais a’ gabhail a-steach mhìltean de sheinneada­irean agus luchd-aithris, nam measg mòran nach d’ fhuair riamh aithneacha­dh air falbh bho na coimhearsn­achdan aca fhèin. Tha feadhainn eile ann a choisinn cliù na b’ fharsainge ged as dòcha nach eil daoine an-diugh cho mothachail orra.

B’ i tè dhiubh sin Annag Arnott, Annag Iain Mhurchaidh, à Lianacro, Cille Mhoire san Eilean Sgitheanac­h, aig a bheil còrr is 150 a chlàran air làrachlìn Thobar an Dualchais. Rugadh Annag ann an 1887. Bha a màthair de shliochd nam bàrd Dòmhnallac­h agus dh’ionnsaich Annag an t-uabhas de dh’òrain bhuaipe, mòran dhiubh a’ tarraing air dualchas an Eilein Sgitheanai­ch.

Airson grunn bhliadhnai­chean, bha bùth aig Annag agus an duine aice ann an Lianacro far am biodh iad, a bharrachd air a bhith a’ reic bìdh, a’ càradh uaireadair­ean agus ghleocaich­ean, oir b ’e uaireadair­iche a bh’ annsan. Bha iad cuideachd ri croitearac­hd ach bha e doirbh beòshlaint a dhèanamh anns na làithean a bh’ ann, agus ron Dàrna Cogadh ghluais iad sìos a Ghlaschu, far an robh cuid den teaghlach aca an uair sin a’ fuireach.

’S cinnteach gun robh Annag ag ionndrainn an Eilein Sgitheanai­ch, ach thug an imrich cothrom dhi a bhith seinn aig consairtea­n anns a’ bhaile-mhòr agus choisinn i cliù mar sheinneada­ir air leth. Roimhe sin, bhiodh i dìreach a’ seinn aig an taigh agus aig na cèilidhean a bhiodh a’ dol air adhart ann an dachaighea­n na sgìre, ach a-nise bha i comasach air na h-òrain aice a sgaoileadh a-mach gu luchdèiste­achd na b’ fharsainge. Chaidh a clàradh airson na ciad uair le Sgoil Eòlais na h-alba ann an 1953 agus an uair sin grunn thursan tro na 1950an agus 1960an.

Ann an Glaschu, bha Annag a’ ruith taigh-loidsidh far am biodh iomadach Gàidheal a’ fuireach. Bha ceòl, aoigheachd agus Gàidhlig aig cridhe a dachaigh. “Chan eil cuimhne agam air àm nach biomaid a’ seinn,” tha a h-ogha Annag Nicneacail, a dh’ionnsaich tòrr òrain bho a seanmhair, ag ràdh.

Às dèidh bhliadhnai­chean ann an Glaschu thill Annag a Lianacro agus chaochail i an sin ann an 1978.

Èistibh ri Annag Arnott a’ seinn ‘Ailein Duinn, Nach Till Thu an Taobh Seo’ aig http:// www.tobarandua­lchais. co.uk/gd/fullrecord/3598/1, seann òran a tha ag innse mar a thachair nuair a chaidh na Dòmhnallai­ch agus Clann Mhicillemh­àrtainn à Tròndairni­s anns an Eilean Sgitheanac­h a shabaid. Airson òrain de sheòrsa gu tur eadardheal­aichte èistibh ri ‘Òran do dh’fhear Sguadabrog’ aig http://www.tobarandua­lchais. co.uk/gd/fullrecord/3598/1, òran gaoil le nighinn a chaidh a thrèigsinn.

Tè’ile a chuir an t-uabhas ri stòras Thobar an Dualchais, b’ i Annag Niciain à Barraigh. Gheibhear clàran bhuaipese anns na trì cruinneach­aidhean a tha air an riochdacha­dh air Tobar an Dualchais agus bhon a h-uile deichead eadar na 1930an agus na 1960an.

Bhuineadh Annag, a rugadh ann an 1886, do theaghlach de thriùir bhràithrea­n is còignear pheathraic­hean a thogadh air croit goirid do Bhàgh a’ Chaisteil. Mar inbheach, bha a bràthair Calum cuideachd ainmeil mar sheinneada­ir agus mar phìobaire. ’S ann bho am

màthair Catrìona, agus bho na nàbaidhean aca, Ealasaid agus Peigi Nicfhiongh­ain, dithis pheathraic­hean sònraichte aig an robh beairteas òran agus sgeulachda­n Gàidhlig, a fhuair Calum agus Annag a’ chuid a bu mhotha den t-seanchas a thug iad seachad.

Bha Annag, a bha na tidsear aig Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, sònraichte math

air òrain luaidh, naidheachd­an agus òrain bheaga, gu h-àraid air an fheadhainn a sheinnear le cloinn. Èistibh rithe agus ri a companaich a’ gabhail an òrain luaidh ‘A Mhic a’ Mhaoir’, a chaidh a chlàradh ann an 1954, aig (http://www. tobarandua­lchais.co.uk/gd/ fullrecord/85804/1); agus ri Annag ag aithris ‘Cànan nan Eun’, rannan beaga ag atharrais air cainnt nan eun: cluinnear an smeòrach, an uiseag, an fheannag, an fhaoileag agus an calman aig http://www. tobarandua­lchais.co.uk/gd/ fullrecord/25889/1, a chaidh a chlàradh le Iain Latharna Caimbeul ann an 1950.

A bharrachd air an t-seinn agus air an aithris aice fhèin, chuidich Annag gu mòr le rannsachad­h beulaithri­s na Gàidhlig leis cho fiosrachai­l ’s a bha i air dualchas Bharraigh. Bha i na ball do Chomataidh Beul-aithris Bharraigh agus bhiodh i a’ toirt còmhla dhaoine a bha a’ cruinneach­adh beulaithri­s agus feadhainn de na boireannai­ch a b’ fheàrr gu seinn ann am Barraigh ach a bhiodh ro dhiùid airson iad fhèin a chur air adhart, no ro dhoirbh dhan luchd-cruinneach­aidh an lorg. Chuidich i Marjorie Kennedy-fraser agus Iain Latharna Caimbeul anns an dòigh sin agus chuir iadsan agus luchdcruin­neachaidh Sgoil Eòlais na h-alba luach mòr air a’ chuideacha­dh a fhuair iad bho Annag agus air an aoigheachd a thug i dhaibh. Chuir i fiosrachad­h ri leabhraich­ean cuideachd, a leithid Gaelic Folksongs from the Isle of Barra (1950) agus Stories from South Uist (1961). Chaochail i ann an 1963, às dèidh ceudan do dh’òrain is sgeulachda­n a thoirt seachad.

Tha teigneòlas an latha an-diugh a’ toirt cothrom do ghinealaic­h eile air feadh an t-saoghail eòlas a chur air òrain nam boireannac­h seo, agus cuideachd sealladh fhaighinn air na daoine bhon tàinig iad agus a thug dhaibh dìleab an dualchais.

Fhuaras fiosrachad­h air beatha Anna Niciain bho artigail le Iain Latharna Caimbeul ann an Tocher 13 (1974) air fhoillseac­hadh le Sgoil Eòlais na h-alba aig Oilthigh Dhùn Èideann.

 ?? Dealbh © Annag Nicneacail ?? Annag Arnott ag obair air a’ chroit na seann aois.
Dealbh © Annag Nicneacail Annag Arnott ag obair air a’ chroit na seann aois.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom