The Scotsman

O chionn 80 bliadhna

on Weekly Scotsman, 17 Iuchar 1937

-

A’ Mharairne Bhòidheach Is iomadh car a chuir mi dhìom a sìos ’s a suas air feadh na h-alba, ach ar leam nach faca mi àite fhathasd anns na cuairtean sin is àluinne aogasg na dà thaobh Chaoil Muile. Air an taobh tuath gu sònruichte tha ’n dùthaich anabarrach lurach, agus is iomadh diùlnach gasda a fhuair a thogail air a còrsachan.

B’ ann an so a bha Cloinn Mhic Leòid air a stéidheach­adh an Eaglais na h-alba, agus gus an latha diugh tha iad ainmeil mar mhinistear­an. Is e an rùn agus an tlachd eadhon fhathasd a bhi air an sloinneadh air a’ Mharairne, agus tha na Marairnich cho mùirneach umpasan ’s a bha an seanairean. Beagan na’s faide gu tuath na Fionnairig­h, tha “Ra-thuaithe nam measan,” far an d’ fhuair an Lighiche Iain mac Lachlainn a bhreith is ’àrach. Ged nach robh esan cho iomraiteac­h ri gin de na Leòdaich, fhuair e cliò agus meas anns na Garbh Chrìochan agus anns na h-eileanan air son a bhuadhan mar bhàrd agus a thàlantan mar fhear-leighis. Bha fear no dhà eile ann air nach freagair dhomh an tràsda bruidhinn a thug móran urraim do’n Mharairne; agus eatorra uile tha ’n dùthaich so murrach air a ceann a thogail am measg a leithidean eile air feadh na Gàidhealta­chd.

Tha a h-ainm fad is goirid air son lànachd a cuid litreachai­s agus maise a cuid Gàidhlig. Tha a sluagh air dol an tainead ach am beagan a th’ innte fhathasd tha iad dìleas do sheann ghnàthan.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom