The Scotsman

An Comann Rìoghail is a thaic ùr do dh’iomairt na Gàidhlig

- Le ALASDAIR H. CAIMBEUL

Aig àm nuair a tha airgead poblach cho gann agus nuair a nì gach sgillinn de thaic feum do dh’ealain, cultar, ceòl agus foghlam na Gàidhlig, ’s dòcha nach smaoiniche­adh a h-uile duine air cur a-steach airson taic-airgid bho bhuidhinn air an deach Cairt Rìoghail a bhuileacha­dh agus a chaidh a stèidheach­adh ann an 1820 le Sir Bhàtar Scott, an Seanalair Dàibhidh Stiùbhart a’ Gharaidh agus buidheann de dhaoin’-uaisle Gàidhealac­h eile. Ach tha an Comann Rìoghail Ceilteach air taicairgid a thoirt do phròiseact­an Gàidhlig thar nam bliadhnaic­hean, agus a rèir aon den bheagan bhall aig a’ Chomann aig a bheil Gàidhlig, Raghnall Macilledhu­ibh, tha coltas ann gu bheil a’ bhuidheann gu bhith nas fhosgailte do thairgsean airson taic airson cànan is cultar na Gàidhlig.

Chaidh an Comann a stèidheach­adh nuair a bha ùidh aig daoine ann an rudan Gàidhealac­h a’ sìor dhol am meud, aig àm nuair a bha tòrr de Ghàidheil air tastan an Rìgh a ghabhail - linn an tartain agus na pìoba agus linn turas an Rìgh Seòras gu Dùn Èideann. Ach aig an aon àm bha na mìltean de Ghàidheil gam fuadach bho na dachaighea­n aca gu ruige tìrean cèine, bha bochdainn agus anacothrom a’ fàgail iomadh gleann fo sgàil is falamh agus bha toiseach crìonadh fada na Gàidhlig air fàire. Mar sin, tha Mgr Macilledhu­ibh den bheachd, coltach ri iomadh raon de chultar is dualchas na h-alba, gu bheil tomhas de ‘Caledonian Antisyzygy’ ri fhaicinn ann an eachdraidh a’ Chomainn, agus ann an obair a’ Chomainn san latha an-diugh.

Tha e ag ràdh, “Nuair a ghabh mi sa Chomann, dh’aithnich mi gun robh amasan aca a dh’fhaodadh math a dhèanamh. Ach nuair a choimheada­s tu air na h-amasan a th’ aca, chì thu gu bheil antisyzygy ann. A chionn, mar a tha an làrach-lìn aca a’ seasamh an-dràsta, tha iad ag ràdh, ‘’s e prìomh amas a’ Chomainn gum brosnaiche­ar ùidh ann an eachdraidh, dualchas, cànan, ealain agus ceòl na h-alba’. Ma chì thu ‘brosnaiche­ar ùidh’, bidh thu ag ràdh riut fhèin, dè thachras ma tha mi ag obair air leabhar Gàidhlig? Tha Gàidhlig agam mu thràth, a bheil iadsan a’ dol a thoirt tabhartas airgid dhomh? Chan eil e soilleir gu bheil. Mar sin, chanainn-sa sna bliadhnaic­hean ri teachd gum bi atharracha­dh ann, gur e prìomh amas a’ Chomainn gum brosnaiche­ar ‘obair’ an àite ‘ùidh’ ann an eachdraidh, dualchas, cànan Gàidhlig, ealain agus ceòl na h-alba.”

A rèir Mhgr Macilledhu­ibh, bha àm ann nuair a bha an Comann loma-làn de Ghàidheil, mar as trice Gàidheil a bha ann an dreuchd aig àrd-ìre. Chan eil faisg air an aon uiread ann an-diugh, ach chan eil sin a’ ciallachad­h nach eil an Comann bàidheil dhan Ghàidhlig agus nach eil iad airson barrachd taice a thoirt dhan chànan. Ged a tha an liosta de bhuidhnean is pròiseacta­n air an làrachlìn aca a’ sealltainn tòrr ainmean co-cheangailt­e ri pìobaireac­hd, ceòl is geamannan Gàidhealac­h, tha iomradh air taic do Bhunsgoil Taobh na Pàirce agus buidheann Ghàidhlig ann an Dùn Phris. Agus cho-dhùin iad taic a thoirt don cholbh Ghàidhlig seo san Albannach gu cunbhalach agus iad a’ pàigheadh airson aon de na h-artaigilea­n gach mìos.

Tha Mgr Macilledhu­ibh a’ mìneachadh dòigh eile sa bheil an Comann a’ dol a dh’atharracha­dh nan dòighean obrach aca, math dh’fhaodte: “’ Seat had aoi ne air ab hit ha g ràdh ann an còmhraidhe­an a’ Chomainn, nach eil feum sam bith ann a bhith cur aon bhoinne uisge a-staigh do loch mòr. Mar sin, tha cùisean ag atharracha­dh. Tha iad a’ dol a thòiseacha­dh a’ coimhead air daoine a tha leotha fhèin, seach air buidhnean is còmhlain. Tha e doirbh suimeannan nas lugha na mìle not a thoirt seachad do bhuidhinn no do chòmhlan pìoba a nì diofar sam bith. Ach nuair nach eil ann ach aon duine, sgrìobhada­ir no neach-ealain can, nì ceud, dà cheud not suas gu còig ceud not diofar mòr mòr. ’S e sin an rathad a tha iad a’ dol a-nis.”

Tha coltas ann gu bheil cothroman ann do dhaoine a tha sireadh beagan taic airgid mu choinneamh pròiseict Ghàidhlig a tha dol a rèir amasan a’ Chomainn. Tha na h-amasan sin gu math farsaing agus iad a’ gabhail a-steach: a’ tairgsinn maoineacha­dh airgid airson cruthachad­h rosg is rainn Ghàidhlig, airson sàr chruthacha­dh is cluich ciùil, airson sàr chomais anns na h-ealain, ceòl is gnìomhacha­san ann an Alba, agus airson cliù eile a tha, ann am beachd a’ Chomainn, airidh air moladh. Cuideachd, aig coinneamh de Bhòrd a’ Chomainn o chionn ghoirid, chaidh deasbad f ìor bheothail a chumail air a’ cheist am bu chòir dhan Chomann prògram bliadhnail de dh’òraidean a chumail coltach ris na prògraman aig Comainn Ghàidhlig Ghlaschu is Inbhir Nis, agus tha e glè choltach gu bheil sin a’ dol a thachairt.

Airson tuilleadh fiosrachai­dh mu obair is amasan a’ Chomainn, faodar tadhal air an làrach-lìn aca: www.royalcelti­csociety.scot

 ??  ?? Tha Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann am measg nam buidhnean Gàidhlig a fhuair taic bhon Chomann Rìoghail Cheilteach.
Tha Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann am measg nam buidhnean Gàidhlig a fhuair taic bhon Chomann Rìoghail Cheilteach.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom