The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 24 Iuchar 1936

- Am Baile-mór AONGHAS MACEANRAIG

An uair a bheir sinn sgrìob chum na dùthcha chan eil ionghnadh oirnn a’ mhuinntir òg a bhi diùltadh fuireach innte. Tha a h-eaglaisean an droch inbhe agus a sgoilean air bheag cloinne far nach eil na h-uiread dhiubh dùinte.

Anns na h-eileanan chan eil cùisean cho dona, ach air tìrmòr cha ghabh iad a bhi móran na’s miosa a thaobh àireamh sluaigh. Tha na gillean ’s na h-igheanan a’ sìor theicheadh do’n Taobh Deas cho luath ’s a’s urrainn dhaibh iad féin a chothachad­h, oir cha chaomh leò a’ bheatha aonaranach a th’ aca ri chaitheamh ’san dùthaich do’m buin iad. Tha na sraithean, na glacan agus na coireachan falamh ach beag de dhaoine, agus is ann na’s gainne a tha iad a’ dol o bhliadhna gu bliadhna. Sgoilean san robh aig aon àm leth-cheud no trì-fichead de chloinn chan fhaighear annt an diugh ach ceathrar no cóigear, agus tha na clachain ach beag cho gann de thaighean ’s a tha iad de dhaoine. ’San taighaorai­dh air Di-dòmhnaich chan fhaicear, mar thuirt mi, ach leth a chomh-thionail agus móran de shuidheach­ain fhalamh, oir chan eil an sluagh ann a lìonas iad.

Chan iongantach an òigridh a bhi toileach an dùthaich fhàgail agus am fortan a shireadh anns na bailtean. “Is sona gach cuid ’an comaidh,” agus is toigh leinn uile a bhi far am bheil dòmhladas pobuill.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom