The Scotsman

Fàd ùr ris a’ chonnadh a chumas an deò ann an spòrs an t-seusain

-

Tha spòrs na chonnadh cho làidir airson an anama agus gun toir thu thairis no gum fairich thu togail sunnd ann an co-ionannachd. Bidh e a’ cruthachad­h chuimhneac­hain, mhòmaidean ann am beatha teaghlaich air an toirt à eòlas co-cheangailt­e ri tadhal eireachdai­l no call duilich, agus bidh spòrs, le uile-eirmseachd shòisealta, chultarach agus phoileatai­geach, a’ snìomh seanchas eadar ginealaich, aithrisean agus an gluasad faireachai­dh mar dhìleib luachmhoir do chloinn agus oghaichean.

’S e sin as coireach gu bheil sinne ris na bhios sinn a’ dèanamh. Bidh sinn a’ riochdacha­dh spòrs beò airson telebhisei­n, a’ glacadh mhòmaidean air leth pearsanta agus cudromach san dualchas air am bi daoine a’ cur a leithid de mheas. Aig amannan bidh luchd-amhairc a’ call am misneachd, ach bidh iad cuideachd a’ cumail chùisean matha nan cuimhne a thuilleadh air na làithean dorcha.

Is ‘sinne’ Nemeton TV, companaidh riochdacha­idh telebhisei­n agus Eadarlìn stèidhicht­e ann an Waterford agus Glaschu. Tha riochdacha­dh spòrs san DNA againn agus, bhon oifis againn ann an Dùn Gharbhain, bidh sgioba sgileil na companaidh a’ siubhal na h-èireann a’ craoladh a’ Pro 12 agus a’ GAA tro mheadhan na Gaeilge. Bhon t-seusan seo tha e na urram dhuinn a bhith ag obair an Alba, a’ riochdacha­dh cha mhòr 200 uair de spòrs gach bliadhna tron Ghàidhlig airson BHBC ALBA. Bidh an càirdeas ùr seo a’ daingneach­adh mòran de na freumhan cruthachai­l eadar Alba agus Èirinn – cànan, spòrs agus telebhisea­n.

Tha na prògraman spòrs aig BBC ALBA uabhasach tarraingea­ch. A bharrachd air a bhith mionaideac­h mu dhealbhach­adh nan geamaichea­n, a’ dèanamh cinnteach gum bi an luchdamhai­rc a’ faicinn gach gluasad agus dràma aig àrd-inbhe theignigic­h, bheirear sùil chuimseach air sgeulachda­n a bhios a’ gluasad air falbh bho chòmhradh beachdail agus mion-sgrùdadh gus aire a chur air daoine anns na coimhearsn­achdan ann an aithrisean aig leth-ùine.

Mar BHBC ALBA, tha sinne a’ faicinn spòrs mar dhòigh air sgeulachd innse, agus bho thoiseach an t-seusain seo, thairis air ball-coise, rugbaidh agus camanachd, bidh e mar eileamaid chudromaic­h dhuinn leudachadh a dhèanamh air sgeulachd na seanail innse air-loidhne, a’ togail mun cuairt air an tachartas fhèin. Nuair a bhios spòrs BHBC ALBA air an èadhar, bidh teaghlaich­ean agus daoine fa leth a’ gabhail pàirt san aon ghnìomh air a lìbhrigead­h tro mheadhan na Gàidhlig. Ach ri linn a bhith ann an saoghal didseatach a-nis a’ ceangal dhaoine ri chèile, ’s toigh le luchd-amhairc a bhith a’ faighinn seirbheis air buinn eile cuideachd. ’S toigh leotha, cho luath ’s a bhios iad ann, gum faighear gu furasta iad, agus gum bi iad ri làimh. Tha BBC ALBA a’ miannachad­h gum faigh daoine seirbheis fharsaing an taic a’ chraolaidh telebhisei­n, a’ toirt cothrom co-roinneil tron phròsas riochdacha­idh. Chan ann a-mhàin mun gheama a bhios an gnothach ach cuideachd mun latha gu lèir a dh’fhaodadh a bhith buan sa chuimhne.

Bidh sinne a’ toirt taic dhan ro-innleachd meadhandid­seatach aig BBC ALBA le bhith a’ brosnachad­h dhaoine pàirt a ghabhail dhaibh fhèin agus a bhith nam pàirt de na bhios a’ dol.

Mura h-eil thu mar-thà air Facebook, ’s dòcha gur e seo an t-àm airson soighneadh suas! Thairis air an t-seirbheis spòrs gu lèir, bidh sinn a’ cleachdadh Facebook Live airson cuid de na bhios a’ dol mus tòisichear geama a ghlacadh, agus a bhith cho faisg air a sin ’s a ghabhas dèanamh. Bidh naidheachd aig a’ phreasanta­ir air cò a tha a’ dol a chluich, agus criomagan eile a bhios daoine a’ miannachad­h, agus nuair a chlàraiche­as sinn agallamhan le manaidsear­an airson an Tbh, cuiridh sinn a-mach iad air na meadhanan sòisealta an toiseach agus, mar sin, fiù ’s mus tig am prògram Tbh air an èadhar, bidh BBC ALBA agus an luchd-amhairc a’ co-roinn anns na bhios a’ tachairt.

Bidh sinn cuideachd ag iarraidh air luchd-amhairc sùil a chumail a-mach airson ‘Facal an Latha’, grafaig a thèid a sgaoileadh gach seachdain tro na meadhanan sòisealta, a’ comharrach­adh facal a thèid a chleachdad­h gu cumanta ann an aithrisean spòrs. Seallaidh an grafaig cuideachd litreachad­h sònraichte a bheir cothrom fuaimneach­adh a dhèanamh air an fhacal.

’S e àm air leth inntinneac­h a tha seo do Nemeton TV agus dhan t-seirbheis spòrs air BBC ALBA. Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ cruthachad­h eachdraidh!

Airson na mòr-chuid bidh sinn a’ libhrigead­h ball-coise, rugbaidh agus camanachd, agus bidh an seusan a’ tòiseachad­h Dihaoine 4 Lùnastal le craoladh beò den gheama camanachd eadar Ceann a’ Ghiùthsaic­h agus Bail’ Ùr an t-slèibhe aig 17:50 air BBC ALBA.

Disathairn­e 5 Lùnastal, bidh sinn a’ clàradh a’ gheama ball-coise Hibs v Partick Thistle aig Easter Road agus ga chraoladh aig 17:30 air BBC ALBA.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom