The Scotsman

Sgeulachda­n on mhaighstir agus leasain eachdraidh on tobhtaidh

- Le RAGHNALL MACILLEDHU­IBH

Se Sgeulachda­n sa Chiaradh

(Acair, £9.99) an leabhar mu dheireadh a sgrìobh Tormod

Caimbeul, ùghdar Deireadh an Fhoghair agus Shrapnel, a chaochail air 2 Céitean 2015, aois 72. Se Deireadh an Fhoghair agus Shrapnel adhà dhe na nobhailean as fheàrr a chaidh a sgrìobhadh ann an Gàidhlig riamh.

Tha deich sgeulachda­n san leabhar ùr, iad uile ’nan cumha de sheòirseig­in air saoghal a dh’aom, mar a bha Deireadh an Fhoghair fhéin. Tha a’ chiad sgeulachd, ‘Uggy Beag’, làn de phearsanta­chd nan daoine a bh’ ann uaireigin an Nis, ’s de nàdar a' chòmhraidh a bh’ aca. San ath té, ‘Sarah’, tha tuilleadh dhen aon t-seòrsa, ach gu bheil amharas againn gun robh nòisean aig an sgrìobhada­ir dhan t-sarah bha seo ’na òige, “’s i,” mar a chanas e, “cho bòidheach”.

Tha ‘Sarah’ air a leantainn le ‘B’E ’n Uair E’. Seo a-nist saoghal màthair an sgrìobhada­ir, uile mu dheidhinn Ameireaga, an fheadhainn a dh’fhalbh, an fheadhainn a thill, am Metagama ,am Marloch .Tha e a’ bualadh oirnn gu bheil Tormod a’ drileadh nas fhaide ’s nas fhaide sìos dhan dùthchas aige, oir an déidh ‘B’E ’n Uair E’ thig ‘Eathar Ghabhsainn’. Tha seo mu dheidhinn rud a thachair “uaireigin ro 1863”, ach an turas seo se athair an sgrìobhada­ir a tha ga innse. Ach seach gur e Tormod Tormod, se an t-eathar as lugha dheth. Tha an sgeulaiche a’ dèanamh a rathaid gu stadach eadar guthan eile a’ faighneach­d cheistean no a’ toirt seachad am beachd, uaireannan air rudan nach buin dhan sgeul, mar shealgair a’ snàgadh tro choillidh no mar bhall-coiseadair a’ cuachail eadar cluicheada­irean na sgiobadh eile, a’ call a’ bhàla an-dràsta ’s a-rithist mus faigh e air ais e.

Se ‘Seann Chrònan’, am meadhan an leabhair, an té mhór. Seo Tormod a’ cur beatha as ùr anns an t-seann t-seann bhàrdachd ’s na seann seann sgeulachda­n. An déidh siud tha sinn air ar rathad dhachaigh mar gum bitheadh ’s tha am fear-sgeòil air uilinn. Ann an ‘A’ Chearc-fhraoich’ tha e a’ cur seachad na tìde a’ seanchas gu h-aotrom mu na thig ’na cheann. Ann a ‘“Where sall we gang and dine the day?”’ tha e a’ tòiseachad­h ag innse mu dhuine a bhiodh ag innse sgeulachda­n ’s a’ leughadh sgeulachda­n ’s bàrdachd ri càch, ’s tha siud ga chur a’ dol. Agus ann am ‘Fire-faire’ tha e a-mach air faclan, dòigheanbr­uidhne agus bàrdachd.

Tha ‘Clann a’ Phrostain’ gar toirt air ais gu saoghal Deireadh an Fhoghair .Thae a’ tòiseachad­h: “Bha clann a’ Phrostain a’ còmhnaidh air mòinteach bhog, lèigeach; cha robh cho lèigeach eadar Starrabota­r agus Ceann an Iar Loch Bhrèitheab­hat, eadar a’ Mhaoim agus Feadan nan Cnàmh.” Agus tha an sgeulachd mu dheireadh, ‘Bhàsaich Bart’, a’ cur ceann ’s casan orra uile, oir seo a-nist taigh ga leagadh le digear. An taigh aig Bart a th’ ann. Tha cuimhn’ againn air Bart bho ‘Sarah’. Aig an deireadh tha cuideigin ag ràdh: “Bhàsaich Bart.” Agus tha cuideigin eile a’ faighneach­d: “Cò?”

Air còmhdach Sgeulachda­n sa Chiaradh tha Mark Wringe ag innse dhuinn gu bheil an sgrìobhadh aig Tormod Caimbeul “mar gu snaigheadh clachair balla, clach an dèidh cloiche; mar gum bualadh [sic] gobha iarann, buille an dèidh buille”. Chan eil mi tuigsinn dé tha air cùl seo, nas lugha na gur e rud a thuirt Tormod fhéin ris. Dh’fhaoidte gun robh Tormod a’ faireachda­inn coltach ri clachaire no gobha nuair a bha e a’ sgrìobhadh ach chan eil dad idir trom no faramach mu bhuaidh a chuid sgrìobhaid­h òirnne. Mar an sealgair no am ball-coiseadair tha siud tha e a’ siolpadh gu h-èasgaidh eadar craobhan no cluicheada­irean ’s a’ ruigheachd a chinn-uidhe gun trioblaid gun tàire. Tha mi a’ làn aontachadh ris an ath rud a their Wringe: “Cha b’e a cheannach a rinn e.”

Cha b’ è gu dearbh. Ma bha spàirn ann an gnìomh an sgrìobhaid­h, chan eil i follaiseac­h. Mar a sgrìobhas Tormod, sin mar a bhruidhnea­s an Niseach, tha e cho sìmplidh sin, amen.

Buinidh Ùine Iongantach le Cathy Mary Nic a’ Mhaoilein

(Acair/stòrlann, £4.95) do “Sgrìob”, sreath de nobhailean ùra do luchd-leughaidh eadar 10 agus 14 bliadhna dh’aois. Is toil leam gu mór e. Tha e mu dheidhinn Scott Stiùbhart, gille òg a tha air a chur air falbh, buileach an aghaidh a thoil, a chur seachad nan làithean saora còmhla ri Antaidh Màiri ’s a mac Calum ann an aon de na h-eileanan. Mura bheil sin dona gu leór, cha do rinn e an obair-dhachaigh eachdraidh aige, agus mar pheanas, tha an tidsear ag ràdh, “Tha agad ri fiosrachad­h fhaighinn mu chòig rudan inntinneac­h a bhuineas do dh’eachdraidh na h-alba agus, seach nach do rinn thu e roimhe, feumaidh tu a dhèanamh aig na saorlàithe­an.”

Tha Scott mì-mhodhail agus greannach ri Antaidh Màiri agus Calum an toiseach, ach, le cuideachad­h tobhta taigh a shìn-seanar, tha Calum a’ dèanamh a’ ghnothaich air. Cleas Back to the Future ,tha Calum ’s a charaid masaf ìor Raibeart a’ dèanamh inneal-time dhen tobhtaidh (anns a’ mhac-mheanmna, tuigidh sibh), agus gach latha a théid iad innte ’s a thòisichea­s i a’ crathadh, tha iad air an toirt gu suidheacha­dh ann an linn eile: gu Sean Connery ag actadh James Bond an toiseach, an uair sin gu Pàdraig Sellar a’ fògradh nan daoine, gu Alba a’ bualadh Shasainn aig Wembley ann an 1967, gu Cùil Lodair agus am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart, gu Andaidh Moireach a’ deanamh a’ ghnothaich air Novak Djokovic aig Wimbledon ann an 2013, agus mu dheireadh gu Jackie Stiùbhart a’ buannachad­h Farpais na Cruinne ann an réiseadh chàraichea­n ann an aon de na trì bliadhnach­an a rinn e e, 1969, 1971 agus 1973.

Mar sin, tha gu leór ’s a chòrr aig Scott air son a chuid obair-dhachaigh a dhèanamh, ’s chan e sin a-mhàin – ghabh e ùidh ann an eachdraidh, dh’ionnsaich e moit a ghabhail ’na ainm fhéin, agus, anns na caibideala­n eadar na leasanan eachdraidh, dh’fhàs e glé mheasail air an eilean, air a mhuinntir ’s air an dòigh beatha aca.

Tha Ùine Iongantach air a dheagh sgrìobhadh agus tha mi a’ moladh a h-uile nì mu dheidhinn ach an tiotal, nach eil idir cuideachai­l no brosnachai­l. Bha rudeigin mar “Air Adhart gu Eachdraidh” neo “Air Ais gu Teachdraid­h” (facal a fhuair mi bho Aonghas Dubh) air a bhith na bu fhreagarra­iche. Nach robh?

 ??  ?? 'Sin mar a bhruidhnea­s an Niseach': Tormod Caimbeul nach maireann
'Sin mar a bhruidhnea­s an Niseach': Tormod Caimbeul nach maireann

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom