The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman,7 Lùnastal 1937

- AONGHAS MACEANRAIG

Am Faigh Sinn Furan?

Tha feadhainn ann agus is toigh leo bhi cònsachadh ged nach bi fios aca ro mhath c’ar son. M’a gheibh iad a bhi faighinn coire tha iad toilichte agus cha dean càirdeas no eile an cumail air an ais.

B’fhearr gu’n robh na Gàidheil air leth o dhaoine eile anns a’ char so, ach chan eil. Tha iad deas gu moladh m’a tha cùisean a’ còrdadh riu féin ach tha iad móran na’s deise gu breith neo-choibhneil a thoirt air oibre dhaoine eile a tha deanamh cho math ’sas urrainn daibh. Tha e furasd a bhi toirt earail ach ro dhuilich a bhi ’ga gabhail, agus am fear is glice cumaidh e a chomhairle­an gus an téid an sireadh. Tha cuid air an cur air leth air son coire fhaighinn agus fàillinnea­n a chomharrac­hadh am mach. ’Nam measg tha lighichean, luchd-lagha agus, ann an tomhas, ministeara­n. Is e an gnothach a bhi cumail am mach gu’m bheil an dream ud agus an dream ud eile cearr agus an fheadhainn do’m buin iad féin daonnan ceart. Tha àireamh nach beag de luchd Phàrlamaid an còmhnuidh an aghaidh na h-ard Uachdarana­chd, agus tha e air aithris gu’m bheil cuid dhiubh a nis ri bhi air am pàigheadh air son an saothair.

Tha mùthadh eadar iad so agus a’ mhuinntir ladurna aig nach eil sgil no ùghdarras air son an achmhasain. B’fhearr dhaibh a bhi ’nan tosd no droch comhairlea­n a thoirt seachad.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom