The Scotsman

Dualchas na Gàidhlig agus an òigridh aig cridhe Fèis Bhlas

- Le ALASDAIR H. CAIMBEUL

Tha Fèis Bhlas gu bhith a’ tòiseachad­h air 1 Sultain agus tha tòrr thachartas­an air leth tarraingea­ch gu bhith ann am-bliadhna le cuid de shàr ghaisgich dualchas is ceòl na Gàidhlig a’ faighinn aithne shònraicht­e.

Tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith a’ ruith na Fèise fad 13 bliadhna le taic maoineacha­idh bho Chomhairle na Gàidhealta­chd agus buidhnean eile. Bha e riamh na amas dhan fhèis chiùil gum biodh a’ Ghàidhlig aig cridhe nan tachartasa­n is nan cuirmean a chuireas iad air dòigh.

A’ bruidhinn air Fèis na bliadhna-sa, thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art Maccarmaig, “Tha mi a’ smaoineach­adh gu bheil na ceithir oidhcheann­an a tha sinn a’ cur air dòigh dha Ceanna Chaimbeul, Feargaidh Dòmhnallac­h, Mòrag Nicleòid agus Fionnlagh Macleòid gu bhith f ìor mhath. Tha e cudromach gum bi sinn a’ sealltainn spèis do dhaoine a tha air tòrr a dhèanamh airson dualchas na Gàidhlig thar nam bliadhnaic­hean. Mar sin, tha mi fhìn gu pearsanta toilichte gu bheil sinn a’ faighinn a’ chothruim rudeigin a dhèanamh dhan cheathrar a tha sin am-bliadhna. Tha iad uile ceithir fichead bliadhna a dh’aois am-bliadhna agus ’s e clach-mhìle gu math cudromach a tha sin.

“Tha tachartas eile ann, sin Dìleab Uilleim: na cuirmean a bhios a’ coimhead air na h-òrain agus na sgeulachda­n a chruinnich Uilleam Macmhathai­n. Bha sinn a’ smaoineach­adh gum biodh e freagarrac­h rudeigin a dhèanamh mar chuimhneac­han airsan, oir bidh seinneadai­rean fhathast ag ràdh gur ann bho Uilleam Macmhathai­n a thog iad òran ged a tha barrachd air 20 bliadhna ann bho chaochail e. Dh’fhàg e tòrr chlàraidhe­an agus tha tòrr air làraich Thobar an Dualchais. Chaidh CD a thoirt a-mach le cuid de na h-òrain aige agus tha gu leòr de sheinneada­irean fhathast a’ togail òrain bhon t-seinn aige.”

A bharrachd air an luchdciùil iomraiteac­h is cliùmhor a bhios a’ cluich aig na consairtea­n aig Blas, bidh an Fhèis cuideachd a’ toirt cothrom do luchd-ciùil is seinneadai­rean òga a bhith a’ nochdadh air an àrd-ùrlar còmhla.

Thuirt Mgr Maccarmaig, “’S e pàirt den adhbhar a chaidh Fèisean nan Gàidheal an sàs ann am Blas, gun robh sinn a’ faicinn gun robh cothrom ann do dh’òigridh a bhith air an aon àrd-ùrlar ris an luchdciùil a tha a’ còrdadh riutha fhèin agus air a bheil iad fhèin gu math measail. Tha iad air an cothrom sin fhaighinn thar nam bliadhnaic­hean agus tha sin gu math cudromach dhuinne aig Fèisean nan Gàidheal. Chan ann dìreach bho na Fèisean a tha an òigridh a’ tighinn, ge-tà, tha còmhlain eile air a bhith ann a leithid Còisir G agus Fras agus, am-bliadhna, tha muinntir Sgoil Chiùil na Gàidhealta­chd gu bhith a’ gabhail pàirt.”

’S e dòigh eile air a bheil Blas beagan eadar-dhealaicht­e bhon a’ mhòr-chuid de dh’fhèisean ciùil eile, gu bheil iad a’ cur air dòigh tòrr de na tachartasa­n aca ann an coimhearsn­achdan beaga agus gu bheil an Fhèis fhèin sgapte thar sgìre gu math mòr.

Mhìnich Mgr Maccarmaig, “Bha Blas riamh stèidhicht­e air an t-seòrsa modail a th’ aig Celtic Colours ann an Ceap Breatann, agus bidh iadsan a’ cur chuirmean air dòigh ann an coimhearsn­achdan beaga cho math ris na cuirmean mòra a bhios iad a’ cur air dòigh sna bailtean. Bha Blas riamh a’ cumail ris a sin, agus tha sin gar fàgail rud beag eadar-dhealaicht­e bho fhèisean eile. Tha e nas dorra a bhith ag obair mar sin an àite a bhith a’ cur fèis air dòigh ann an aon àite, ach sin feallsanac­hd na Fèise agus ’s e sin na bha sinn riamh a’ feuchainn ri dhèanamh. ’S e rud eile a tha a’ tachairt am-bliadhna leis na tachartasa­n airson Mòrag Nicleòid agus Fhionnlaig­h Mhicleòid, gu bheil sinn a’ cur chuirmean air dòigh sna h-eileanan an Iar airson na ciad uair le taic bho Chomhairle nan Eilean Siar. Cuideachd, seach gun deach Uilleam Macmhathai­n a thogail ann an Solas ann an Uibhist a Tuath, bha sinn a’ smaoineach­adh gun robh e cudromach rudeigin a dhèanamh ann an Uibhist mar phàirt den chuairt a tha a’ dol adhart leis a’ chuirm a tha sin.”

A bharrachd air seo uile, thèid cuirmean a chumail ann an Earra-ghàidheal agus tha cothrom gu bhith aig daoine na h-òrain ùra aig Màiri Anna Nicualraig a chluinntin­n, òrain a sgrìobh a’ bhanashein­neadair i fhèin. Bidh blas eadar-nàiseanta air an Fhèis a-rithist, le luchdciùil à Ceap Breatann agus Èirinn a’ gabhail pàirt, agus bidh Fèis na h-òige agus Fèis Loch Abar a’ cur chonsairte­an air dòigh gus 25 bliadhna a chomharrac­hadh bho chaidh na Fèisean aca a stèidheach­adh.

Thèid Fèis Bhlas a chumail eadar 1-9 Sultain agus airson tuilleadh fiosrachai­dh mu dheidhinn Bhlas, tadhlaibh air www. blas-festival.com

 ??  ?? Feadhainn den luchd-ciùil òg bho na Fèisean a’ cluich aig a’ chonsairt, Ceòl nam Fèis, aig Blas ann an 2014. Tha òigridh fìor chudromach do Bhlas agus bidh iad gu tric a’ faighinn cothrom cluich is seinn còmhla ri luchd-ciùil ainmeil air an àrd-ùrlar.
Feadhainn den luchd-ciùil òg bho na Fèisean a’ cluich aig a’ chonsairt, Ceòl nam Fèis, aig Blas ann an 2014. Tha òigridh fìor chudromach do Bhlas agus bidh iad gu tric a’ faighinn cothrom cluich is seinn còmhla ri luchd-ciùil ainmeil air an àrd-ùrlar.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom