The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 14 Lùnastal 1937

- Mac Roibeirt

Tha ’n sloinneadh Mac Roibeirt glé choitchean­n an siorramach­d Pheirt, ach chan eil e ach ainneamh air còrsa na h-aird an Iar no anns na h-eileanan. An uair a chluinnear e, is ann mar Robastan a tha e air a chantainn agus is gann gu’n cluinnear Mac Dhonnachai­dh idir ach an cùisean litreachai­s.

Chì mi gu’m bheil Calum mac Phàrlain anns a’ “Bhriathrac­han Bheag” a’ cur cùl ri Mac Dhonnachai­dh gu buileach ach a thaobh “Duncan” agus “Mac Conachie”. Is i an fhìrinn mu’n ghnothach gu’m bheil ainmeannan, agus gu sònruichte sloinnidhe­an, daonnan draghail an àm a bhi ’gan eadar-theangacha­dh no ’gan litreachad­h. Mar eisimpleir air so, gheibhear mo shloinnead­h féin am Beurla an leth-dusan cruth m’a choinneamh an aoin chruth a th’ aig’ an Gàidhlig. Tha Cloinn Dòmhnuill air am briseadh a suas ’nan iomadh meur, mar a tha Clann Raonuill, Clann Eachainn agus Clann Bharais. Is e Dòmhnullai­ch a theirear riù gu cumanta an Gàidhlig agus uile gu léir am Beurla. Tha cheart amailt a thaobh shloinnidh­ean ri thoirt fainear ’sa Bheurla.

Feuchadh neach ’sam bith ri “Macewen” a litreachad­h nach faca riamh an clò eaguschìeg­u’mfaode a roghainn a ghabhail de iomadh cruth gun a bhi dad ’sam bith ceàrr. Tha an nì ceudna f ìor mu “Thomson”, “Macbean” agus na h-uiread eile.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom