The Scotsman

Cluicheada­irean is coidsichea­n ùra ’s an 12 dol na 14 ann an seusan ùr

- Le ÙISDEAN MACILLINNE­IN

Seusan ùr is gu leòr gu bhith ùr mun dòigh anns am faic sinn an rugbaidh am-bliadhna. Tha am Pro12 air fàs gu Pro14 le dà sgioba à Afraga a Deas air nochdadh; tha coidsichea­n ùra air sgiobaidhe­an Ghlaschu agus Dhùn Èideann agus tha sgaoth de chluichead­airean ùra air nochdadh (agus cuid de na seann laoich air falbh), ged a tha a’ mhòr-chuid dhiubh sin gu bhith a’ cosnadh ann an Glaschu seach sa phrìomh bhaile.

Thaobh nan coidsichea­n anns a’ chiad àite, chan eil teagamh nach eil Glaschu air fear de na coidsichea­n as fheàrr anns a’ ghèam a thàladh a Ghlaschu à Sealainn Nuaidh – Dave Rennie bho na Chiefs – far an do ghlèidh e farpais Super Rugby ann an 2012 agus 2013. Chan eil teagamh am beachd na mòr-chuid nach bi e na choidse air na h-all Blacks an ceann sreath, agus tha deagh amharas ann gur e ceum dearbhaidh a th’ ann tighinn a Ghlaschu agus feuchainn ri adhartas a thoirt air sgioba a bha air ceumannan mòra a dhèanamh anns na bliadhnaic­hean far an robh Gregor Townsend na choidse. Dè seòrsa atharracha­dh a bheir e air an sgioba?

Bidh iad nas treasa, nas cruaidhe, nas luaithe agus nas fhosgailte ma ghabhas sin dèanamh, agus bidh sannt buinnig aig cridhe cultar sgioba a tha eòlach gu leòr air a bhith a’ faighinn làmh an uachdair, ged a dh’fhailich e orra sin a dhèanamh an-uiridh anns a’ Phro-12. Bidh e na annas mòr agus na thàmailt do luchd-taic Ghlaschu mura bi iad anns na cuairtean deireannac­h am-bliadhna, is gu seachd àraidh le na cluicheada­irean ùra a chaidh a thàladh còmhla ris a’ choidse ùr – nam measg Oli Kebble bho na Stormers an Afraga a Deas agus an cluicheada­ir eadarnàise­anta Albannach Huw Jones bhon aon sgioba; Callum Gibbins bho na Hurricanes an Sealainn Nuaidh; Adam Hastings bho Bath an Sasainn; Lelia Masaga bho na Chiefs ann an Sealainn Nuaidh agus an Tongan Siua Halanukonu­ka bho na Highlander­s, a bheir dùbhlan dhan luchd-aithris aig BBC ALBA mura dèan e an còrr.

Chan eil ach còignear às ùr air tighinn gu sgioba Dhùn Èideann còmhla ris a’ choidse ùr aca fhèin, Ridseard Cockerill, a choisinn deagh chliù dha fhèin an Sasainn thairis air na bliadhnaic­hean a bha e an Leicester. Bidh fiughair air luchd-taic Dhùn Èideann ri Mark Bennett agus, rionnag eile bho Super Rugby, Robbie Fruean – dithis a tha, gu h-annasach, air a bhith a’ fulang bho àm gu àm agus iad air an goirteacha­dh. Tha Duhan van der Merwe air tighinn bho Montpellie­r agus Jason Harries air tighinn aig astar bho London Scottish. A bharrachd air sin, tha Dùn Èideann air 13 cùmhnantan ùrachadh bhon sguad a bh’ aca ann an 2016/17 – naoinear eadar-nàiseanta bho Alba nam measg.

Mar sin, tha gu leòr ùr a bhios na annas do luchd-taic sgiobaidhe­an a’ Phro14, ach ’s e mar a thèid do na sgiobaidhe­an ùra an rud as inntinnich­e. Am bi iad cho math ri sgiobaidhe­an Afraga a Deas air a bheil sinn eòlach, no am bi iad a’ lorg an casan a’ chiad ghreis gus an tig iad suas ri gèam a’ chinn a tuath? Dè seòrsa dreach ùir is dè seòrsa pisich a bheir na coidsichea­n ùra air sgiobaidhe­an na h-alba? Agus do Dhùn Èideann chan eil ann ach aon slighe – suas agus nas fheàrr na tha iad air a bhith bho chionn suas ri 10 bliadhna. Agus tha trì geamannan ri thighinn am-bliadhna eadar an dà sgioba Albannach seach na dhà a bh’ againn gu ruige seo.

Chithear a’ chiad dà ghèam Albannach air BBC ALBA, le geamannan tòisichidh Glaschu agus Dùn Èideann. Air Dihaoine 1 Sultain, bidh na Cardiff Blues a’ coinneacha­dh Dhùn Èideann agus, air an Disathairn­e, bidh na Glasgow Warriors an aghaidh Chonnacht.

Air 8 Sultain, bidh na Dragons a’ cluich Dhùn Èideann, agus seallaidh an seanail Leinster an aghaidh Dhùn Èideann aig deireadh a’ mhìos. Cluichidh na Glasgow Warriors agus na Cheetahs air 6 Dàmhair, agus an uair sin Glaschu an aghaidh nan Southern Kings air an 27mh. Thèid Glaschu agus Leinster a shealltain­n air 3 Samhain agus, aig deireadh na mìosa sin, chì sinn Dùn Èideann an aghaidh nan Cheetahs air an 25mh. Bidh Glaschu a’ cluich nan Cardiff Blues air a’ chiad latha den Dùbhlachd, agus cluichidh Glaschu an aghaidh Dhùn Èideann ann an Cupa 1872 air an 23mh.

Thèid gach gnìomh is gluasad a chraoladh air BBC ALBA, agus dèanaibh cinnteach gun toir sibh sùil.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom