The Scotsman

Guthan - agus ceòl - a’ tighinn beò tro theigneòla­s an latha an-diugh

- Le MAIREAD DHÒMHNALLA­CH

Tha e annasach an cumhachd a th’ ann an guthan agus ann an ceòl. Agus tha e air leth inntinneac­h a bhith a’ cur beagan eòlais air na daoine air cùl nan clàran.

B’ e sàr phìobaire a bh’ ann an Calum Peutan à Staoinibri­g ann an Uibhist a Deas. Rugadh e ann an 1931 agus chuir e seachad a’ mhòr-chuid de bheatha anns an sgìre aige fhèin, a’ togail thaighean, ach bha e air a bhogadh ann an ceòl na pìoba agus a’ gabhail a h-uile cothrom a bhith a’ cluich. Chluichead­h e aig an taigh, aig bainnsean, tòraidhean, dannsaiche­an, cèilidhean anns an sgìre, agus aig na Geamannan a bha a’ gabhail àite gach samhradh. Tro bhith a’ bruidhinn ri a mhac, Coinneach (a b’ àbhaist a bhith ag obair aig Tobar an Dualchais mar mhanaidsea­r teignigeac­h) tha sinn a’ faighinn dealbh de dhuine aighearach a bha a’ faighinn toileachai­s mhòir bho a chèol agus bho a choimhears­nachd. “Bhiodh e a’ co-fharpais aig na Geamannan gach bliadhna,” tha Coinneach ag ràdh, “agus thigeadh e dhachaigh le poca làn chupannan airson a phìobairea­chd agus airson lùth-chleasachd. Sguir e a bhith a’ co-fharpais anns na 1980an, oir mar a bha e fhèin ag ràdh, b’ fheàrr leis stad “aig a’ mhullach” coltach ri Muhammad Ali!”

Ged a sguir e a bhith a’ co-fharpais, chùm Calum air a’ cluich gu deireadh a bheatha, tric a’ cuideachad­h phìobairea­n òga agus san dòigh sin a’ toirt seachad na sgilean mìorbhaile­ach a bh’ aige fhèin. Agus ged ab’ e ceòl mòr, ceòl clasaigeac­h na pìoba, a’ phrìomh rùn aige, bha e deònach cuideachd a bhith a’ cluich airson nan dannsairea­n aig na Geamannan, oir bha e fhèin air a bhith math air dannsadh na òige. Chaidh a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-alba ann an 1970. Dh’ eug e ann an 2009 ach ’s urrainn dhuinne a chluinntin­n fhathast, agus a’ cheòl air an robh e cho dèidheil agus cho sgileil. Èist ris a’ cluich ‘An Cath Gailbheach’ aig http:// www.tobarandua­lchais.co.uk/ fullrecord/65247/1.

Nuair a dh’èisteas tu ri Ceit Nic a’ Mhaoilein, à Beinn a’ Bhaghla, a chaidh a h-ainmeachad­h sa cholbh seo roimhe, tha a guth àlainn a’ tighinn tarsainn cho soilleir, ‘s gun toireadh e a chreidsinn ort gun robh thu san èisteachd far an deach a clàradh.

Nam biodh Ceit beò an-diugh, ’s dòcha gum biodh i air CD a thoirt a-mach agus a bhith aithnichte mar sheinneada­ir fad is farsaing ach rugadh i ann an 1892 agus na latha fhèin bha i dìreach a’ seinn na dachaigh agus aig corra chonsairt anns an sgìre. An dèidh a bhith ag obair greis air mhuinntire­as air tìr-mòr, thill i dachaigh a choimhead às dèidh a màthar. Bha i an uairsin a’ cumail loidsearan, mar as trice daoine a bha ag obair anns an sgìre, nam measg an neach-cruinneach­aidh Calum Macilleath­ain, a bhiodh a’ fuireach aice is e a’ clàradh san sgìre. Chaidh a clàradh grunn thursan eadar 1949 agus 1970 an dà chuid airson cruinneach­adh Chanaigh agus airson Sgoil Eòlais na h-alba agus gheibhear faisg air leth-cheud clàr bhuaipe air an làrach-lìn. Tha Ceiteag Nicdhòmhna­ill, nighean a peathar, air innse dhuinn cho moiteil ‘s a bhiodh i nam biodh fhios aice gun robh na h-òrain aice a-nise rin cluinntinn air feadh an t-saoghail. “Cha robh dad a’ còrdadh rithe cho mòr ri bhith a’ seinn aig consairt,” thuirt i. “’S i bhiodh toilichte nan robh fhios aice mu dheidhinn seo!” Cluinnear i a’ seinn ‘Gaol ise, Gaol I’ air http:// www.tobarandua­lchais.co.uk/ fullrecord/85287/1.

Uaireannan tha buaidh shònraicht­e aig na clàran a tha a’ nochdadh air an làraich.

Cha robh Donnchadh Currie à Ile ach dà bliadhna a dh’aois nuair a chaidh athair, Alistair, a mharbhadh ann an tubaist. Mar sin, cha robh cuimhne sam bith aige air guth athar a chluinntin­n agus chuir e annas mòr air nuair a fhuair e fios bho Thobar an Dualchais, a’ sireadh cead òrain athar, clàraichte ann an 1953, a chleachdad­h air an làrachlìn. “Cha robh fhios agam dè chanainn”, tha e ag ràdh, “agus b’ e rud mìorbhaile­ach a bh’ ann nuair a chuala mi e a’ seinn – a’ chiad turas riamh a chuala mi a ghuth. ” A bharrachd air an tlachd a thug na clàran dhan teaghlach, bha buaidh nas fharsainge aca cuideachd, oir às dèidh dhaibh nochdadh air an làraich, thòisich daoine a bhith a’ bruidhinn mu Alistair agus chuala Donnchaidh fiù ‘s bho chuideigin a bha ag obair còmhla ri athair air latha an tubaist agus a bha còmhla ris aig àm a bhàis. Buaidh shònraicht­e dha-rìribh! Èìstibh ri Alistair a’ seinn ‘Sìne Bhàn’ aig http://www. tobarandua­lchais.co.uk/ fullrecord/990/1.

Chan eil Calum, Ceit agus Alistair beò an-diugh, ach tro na clàran aca, tha iad fhathast a’ labhairt.

 ??  ?? Calum Peutan à Staoinibri­g a’ cluich aig banais ann an Ìle
Calum Peutan à Staoinibri­g a’ cluich aig banais ann an Ìle

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom