The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 4 Sultain 1937

- AONGHAS MACEANRAIG

An Gaol Nach Tréig Tha na Presbyteri­anaich agus Eaglaisean eile glé bhuailteac­h air a bhi ’faighinn coire d’a chéile a thaobh phuingean beaga nach eil furasda do neach ’sam bith a chur ceart. Cò a chruthaich an cruinne? Agus ciamar? Tha a’ cheud té de na ceistean so furasda gu leòir a fhreagairt, ach tha an dara té, a réir coltais, thar eòlas agus tuigse dhaoine. Bha uair is bha sinn a’ cur ar n-aonta ri Calvin gu buileach a thaobh chùisean de’n t-seòrsa so. O chionn ùine nach eil cho fada thionndaid­h sinn, car mar char, le Darwin a bha ’g àicheadh a’ chunntais a thug Maois air toiseach gach nì agus a bha cumail am mach gu’n d’ fhàs aon seòrsa chreutaire­an á seòrs air choréiginn eile. Air an latha diugh chan eil sinn a’ creidsinn gu litreil aon chuid ’an Calvin no ’n Darwin a thaobh a’ ghnothaich so; ach tha sinn toileach ceistean nach urrainn sinn an ceartair fhuasgladh fhàgail mar a fhuair sinn iad gus am faigh sinn barrachd solus. Chan eil an so ach aon de na cùisean mu’m bu chleachdad­h leis na Gàidheil a bhi ri móran deasbuid. Tha iad a nis a’ fàs na’s glice agus a’ toirt fainear gu’m bheil na h-uiread an obair cruthachai­dh is freasdail nach gabh tuigsinn. Is còir do mhuinntir a bhi riaraichte leis a’ bheagan an àite bhi ’strìth ris an iomlan.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom