The Scotsman

Nobhailean taobh muigh na h-imire: eachdraidh ’s an còrr dhen t-saoghal

- Le RAGHNALL MACILLEDHU­IBH

Tha mi a’ cur fàilte shònraicht­e air dà leabhar, An Creanaiche agus An Uinneag don Iar ,a chionn ’s gu bheil iad taobh a-muigh na h-imire a tha a’ mhórchuid de nobhailean Gàidhlig a’ treabhadh, se sin, Gàidhealta­chd agus Galldachd an latha an-diugh. “Dé mu dheidhinn eachdraidh?” bidh mi a’ faighneach­d. Agus: “Dé mu dheidhinn a’ chòrr dhen t-saoghal?”

An toiseach, ma-thà, ’s iongantach gun leugh thu nobhail ghoirid am-bliadhna, neo fad iomadh bliadhna ’s dòcha, a tha cho inntleachd­ach ’s cho math air a sgrìobhadh ri An Creanaiche: Myself, Lee Oswald and the Murder of

JFK , le Màiri Niceachair­ne agus Ruairidh Macilleath­ain

(Sandstone, £7.99). Feumar a ràdh an toiseach, ged a tha ainm Màiri ’na chois mar ùghdar, gu bheil i ficseanail. Se Ruairidh a sgrìobh an nobhail. Se Màiri am prìomh charactar; chan eil ann ach gu bheil cuid de na caibideala­n sgrìobhte bho shealladh Ruairidh, agus a’ chuid eile sgrìobhte bho shealladh Màiri.

Ged a tha móran teagaimh mu dheidhinn có ì Màiri, tha fios againn uile có è Ruairidh – tha e ’na sgrìobhada­ir agus ’na chraoladai­r aig a bheil ùidh air leth anns an àrainneach­d, ann an ainmeanàit­e agus ann an litrichean do luchd-ionnsachai­dh. Sin a’ phearsanta­chd a th’ aige san nobhail cuideachd.

Ach si a’ cheist có th’ ann am Màiri. A’ chiad turas a thachras Ruairidh rithe, sann air trèana. Tha i ga aithneacha­dh bho na meadhanan ’s a’ tighinn thuige le ròlaistean air choreigin mu dheidhinn bàs John F Kennedy. Bha i eòlach gu pearsanta air Lee Harvey Oswald, tha i a’ cumail a-mach. Chan è a rinn am murt ach cuideigin eile. Se co-fheall a bh’ ann, tha i ag ràdh, le Lyndon Baines Johnson aig a’ mhullach . . . Chan è gu bheil am fiosrachad­h seo uile a’ sruthadh aiste air a’ chiad choinnimh. Chan è idir. Tha ùidh gu leór aig Ruairidh anns na th’ aice ri ràdh gus gu bheil iad a’ coinneacha­dh iomadh uair eile ann an diofar àiteachan. Ruairidh a’ cur cheistean daonnan, ise tric gan seachnadh. Air uairean tha e mar fuil fhaighinn á cloich.

Tha na còmhraidhe­an seo, eadar an sgrìobhada­ir aig nach eil fhios dé bu chòir dha a chreidsinn agus am boireannac­h a tha a’ fulang thrioblaid­ean follaiseac­h inntinn, air an làimhseach­adh air leth math. Chan e sin a-mhàin, ach gu bheil cuimhne air Murt na h-apann ann an 1752 – air Cailean Ruadh am bàillidh a chaidh a mharbhadh le aig Dia tha fhios có, agus air Seumas a’ Ghlinne a chaidh a chrochadh air a shon ged nach robh làmh aige sa ghnìomh – air fhighe gu sgileil a-staigh dhan sgeul. Tha tiotal na nobhail, An Creanaiche, a’ tighinn bho rud a thuirt Seumas a’ Ghlinne, “Có air bith as coireach, is mise an creanaiche.” Se sin, is mise a tha fulang. Agus tha a dhà na thrì dhe na caibideala­n air an seatadh air Cnap a’ Chaolais far an deach Seumas a chrochadh ’s far a bheil ceann Drochaid Bhaile a’ Chaolais an-diugh.

Mar sin, tha An Creanaiche ’na sgeul air rùn-dìomhair saiceòlach co-cheangailt­e ri murt agus ri gaol, ri poilitigs Ameireagan­ach agus ri eachdraidh Albannach. Tha e air innse le faiceall agus le foidhidinn. Tha e anns an t-sreath “Lasag”, se sin, ficsean furasta-ri-leughadh do dh’inbhich òga, far a bheil geàrr-chunntasan Beurla

aig toiseach a h-uile caibidil, agus corra fhacal doirbh air a mhìneachad­h aig bonn na duilleige. Ach ged nach eil feum agad air dad dheth siud, tha còir agad An Creanaiche a leughadh. Tha e sgoinneil.

A’ tionndadh a-nis chun an leabhair eile, An Uinneag don

Iar le Mìcheal Klevenhaus

(Sandstone, £7.99), sann mu Bhalla Berlin ’s mun sgaradh a rinn e ann an aon teaghlach òg a tha e. No gu bhith nas mionaidich­e, bha an teaghlach Schmidt – Hans, Maria agus an dithist òga, Alexander agus Katharina – a’ fuireach ann an togalach air a’ Bhernauers­trasse a bha dol a bhith air fhalmhacha­dh mar phàirt dhen bhalla: bha e, gu litireil, ’na “uinneag don Iar”. Bha iad leagte air teicheadh. “Ghabh a bhean – an rugsag leis an nighinn oirre – grèim air an ròpa, shreap i tron uinneig is sìos an ropa gus an do leig i dhi fhèin tuiteam gu plangaid an luchd-smàlaidh.” Siud dithist aca anns an Iar. Dé mu dheidhinn Hans? “Bha e na sheasamh anns an t-seòmar-chadail agus am balach beag ri a thaobh ann am baga fosgailte is e a’ gal . . . Chuala e briseadh tron doras . . . Cha b’ urrainn dha sreap sìos le mhac anns a’ bhaga na làmhan.”

Mar sin tha an teaghlach ’na dhà phàirt, neo ann an da-rìribh ’na thrì: a’ mhàthair ’s an nighean anns an Iar, ’s chan eil fada mus bi iad a’ fuireach ann an Uibhist; an t-athair anns a’ phrìosan air son feuchainn ri teicheadh; am mac ann an sgoil far an ionnsaich e a bhith dìleas dhan Stàit. Tha an nobhail mu dheidhinn mar a thig iad còmhla a-rithist, beag air bheag, agus tha iongnadh mór a’ feitheamh ruinn aig an deireadh.

Tha An Uinneag don Iar anns an t-sreath “Lasag” cuideachd. Ach seo an leasan as cudromaich­e a tha mise a' toirt ás: ged as ann ás a’ Ghearmailt a tha Mìcheal Klevenhaus, cha leig sgrìobhada­irean Gàidhlig a leas a bhith ’nan Gearmailti­ch mun sgrìobh iad mun Ghearmailt, ’s cha leig iad a leas a bhith ’nan eachdraich­ean no ’nam fàidhean mun sgrìobh iad mu linn eile. Chan eil a dhìth ach misneachd, mac-meanmna agus beagan rannsachai­dh sna làithean-saora. Mar eisimpleir, dh’fhóghnadh seachdain ann am Berlin agus seachdain ann an Köln gus An Uinneag don Iar a sgrìobhadh. Agus tha e math dha-rìribh.

Tha an léirmheas seo ga fhoillseac­hadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach www.royalcelti­csociety.scot

 ??  ?? Balla Bherlin ga leagadh an 1989: dh'fheuch an teaghlach Schmidt ri teicheadh mun deach a thogail
Balla Bherlin ga leagadh an 1989: dh'fheuch an teaghlach Schmidt ri teicheadh mun deach a thogail

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom