The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 25 Sultain 1937

-

“Am Fear Nach Maireann” Is iomadh uair a chluinneas sinn iomradh air dream a dh’fhàg an saoghal agus theirear riù glé thrice am fear no an té nach maireann. Tha so a’ ciallachad­h gu’n deachaidh iad ás an t-sealladh, ach gu’m bheil iad fhathasd am bith.

Bha na Gàidheil riamh cuimseach ’nan cainnt agus bu bheag orra a ràdh mu chreutair reusanta ’sam bith gu’n do bhàsaich e. Tha fios agam gu’m bheil àiteachan ’sam bheil am facal air a chleachdad­h anns a’ char so, ach am measg a’ chuid is pailte d’ar pobull is e “shiubhail e” no “chaochail e” a theirear. Tha a’ cheud fhear dhiubh so ’gar toirt dh’ionnsuidh na barail gu’n d’fhalbh ar caraid air turus agus tha am fear eile a’ toirt f ’ar comhair gu’n d’atharraich e cruth. Chan eil móran mùthaidh eadar an dà fhacal oir is e is brìgh dhaibh le chéile anns an t-suidheacha­dh so gu’n do chaill sinn sealladh do chuideigin­n. Anns na Sgriobtuir­ean is e “fhuair e bàs” a theirear, ach chan eil an sin ach beachd nan eadarthean­gairean. Ar leam gur e “chaochail e” is fearr na “shiubhail e”, oir chan eil dearbhadh againn gu’n d’imich e fada bhuainn ach tha cinnt againn nach eil e maille ruinn anns an t-seann aogasg. A thaobh ainmhidh na t-seann aogasg. A thaobh ainmhidh na machrach theirear daonnan “bhàsaich e”, no “fhuair e ’m bàs”. Chan eil e air a chreidsinn gu’m bheil dad annsan a mhaireas an déidh call na h-analach.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom