The Scotsman

O chionn 80 bliadhna on Weekly Scotsman, 2 Dàmhair 1937

-

Fàidhean Bréige

Bha na Gàidheil coltach ri muinntir eile anns a’ char so – bu mhaith leò a bhi faighinn am mach, nam b’urrainn dhaibh, ’dé bha ri tachairt dhaibh ’san tìm a bha rompa. Bha iomadh meadhoin aca air a chleachdad­h chum an cuideachad­h anns na h-oidhirpean so, agus ’nam measg b’e cleasachd na Samhna ’bu chumanta.

Spìonadh stocan càil, tachras snàtha á sùil àth-aoil, farcluais aig dorus no uinneag, bruidhinn ri caraid nach maireann an cùil dhorcha – sin cuid de no dòighean a bh’air am feuchainn chum fiosrachad­h fhaighinn mu chùisean nach robh fhathasd ’san t-sealladh. B’i Oidhche Shamhna an oidhche air son a bhi ri “fàidheadai­reachd” de’n t-seorsa so; ach co dhiubh bha no nach robh móran eòlais ri fhaotainn bhuaipe chan urrainn mi ’ràdh. Cha chuimhneac­h leam dad de fhorfhais a chluinntin­n riamh a fhuaireadh troimpe. Bhiodh muinntir a’ cur an comhairle ri bana-cheàrdan air son an aobhair cheudna; agus bha eòin na mara, eòin na coille agus eòin an t-sratha air an cuimseacha­dh am mach mar chreutaire­an a bha comasach air fiosan sòlais no mulaid a ghiùlan gu dream sònruichte.

Chan eil móran muinighinn air a chur anns na gisreagan so a nis, ach eadhoin fhathasd tha muinntir òg a’ leantainn riù mar aobhair-àbhachd. Chan fhada bhios, a réir coltais.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom