The Scotsman

Siùrsachd, in-imrichean, tinneas Lyme an Uibhist, uile ann an sreath ùr Eòrpa

- Le DARREN LINC

Thàinig Eòrpa, mar phrògram, gu bith aig àm gu math caochlaide­ach dhan sgìre. Bha an t-aonadh Sòbhietach air tuiteam às a chèile, bha Iugoslàbhi­a fo chogadh sìobhalta, is bha Gàidheil a’ toirt sùil a bharrachd air a’ bhuaidh a bha an EU a’ toirt air a’ bheatha làitheil aca. B’ e 1993 a bh’ ann. Bha tòrr bruidhinn an uair sin mu dheidhinn saoghal poileataig­s Bhreatainn a sgaoileadh ’s a’ sgapadh bho chrìochan Lunnainn. Dùthchanna­n, sgìreanis daoine a’ tighinn na b’ fhaisge air a chèile mar Eòrpaich, gu cultarach agus gu poileataig­each.

An-diugh, tha dealachadh fa-near eadar an Rìoghachd Aonaichte is an EU, is tha sinne mar phrògram ag amas air a bhith ag aithris air dè tha sin gus a bhith a’ ciallachad­h dhuinne ann an Alba, bho eileanan gu bailtean, aig muir is air tìr. An-uiridh, choimhead sinn air a’ bhuaidh a thug a’ bhòt airson an EU fhàgail air Eòrpaich ann an Alba, is choinnich sinn ri daoine a bhòt airson is an aghaidh Bhrexit. Chùm sinn cuideachd deasbad stiùidio a’ beachdacha­dh air dè na roghainnea­n a bh’ air thoiseach oirnn.

Am-bliadhna, tha ceistean gu leòr ann fhathast. Le cion adhartais a thaobh aonta dealachaid­h, chan eil cus coltais ann aig an ìre seo gu bheil Breatainn is an EU faisg air a bhith deiseil gluasad air adhart gu bruidhinn mu aonta malairt, am measg eile. Tha barrachd a’ faighneach­d dè dìreach an t-seòrsa Bhrexit a tha gus a bhith ann. Ciamar a thèid a dhèanamh is cuin, cò a bhuannaich­eas is cò a chailleas? Tha feadhainn a’ ceasnachad­h an tachair e idir. Cumaidh sin a’ dol sinn.

Air falbh bho Bhrexit is tha Eòrpa gus a bhith a’ coimhead air buaidh nan teintean fiadhaich ann am Portagal, buaidh na dibhe ann a Lituàinia, siùrsachd san Òlaind, is àrdachadh anns na tha a’ tighinn dhan Phòlainn de dh’ugràinich anns na trì bliadhna a dh’fhalbh.

Tha an sreath ùr seo, ge-tà, a’ tòiseachad­h ann an Uibhist, far a bheil an ìre de thinneas Lyme fada nas àirde na sna h-eileanan eile faisg air làimh, is nas àirde na an ìre ris am biodh dùil ann an Alba air fad. Tha sinn gus a bhith a’ coimhead air an adhbhar dha sin, is air dè ghabhas dèanamh mu dheidhinn.

Bidh cuid a’ cur na coire air fèidh airson a bhith a’ sgapadh ghartan, ach bidh cuid eile ag ràdh gum feum barrachd rannsachai­dh a bhith ann gus an tèid tuigse a ruighinn mu dè dìreach as adhbhar dhan tinneas a bhith cho bitheanta ann an Uibhist, is mar sin dè dh’fheumas tachairt airson a lùghdachad­h.

Tha sia prògraman deug gus a bhith san t-sreath seo. Cothrom, tha sinn an dòchas, air aithrisean a thoirt dhuibh air tòrr math dhe na cuspairean is dhe na h-àiteachan as inntinnich­e agus as cudromaich­e bho air feadh na Roinn Eòrpa.

ltha prògraman Eòrpa rim faotainn air iplayer a’ BHBC.

 ??  ?? Deiseil bhon bhàrr: Tha 196 duine air Lyme a ghlacadh ann an Uibhist eadar 2009 is 2016; Angela Nicilleath­ain anns a’ Phòlainn; Darren Linc cuide ri Olga Szczesnowi­cz – tè a tha airson fuireach às dèidh dha Brexit tachairt.
Deiseil bhon bhàrr: Tha 196 duine air Lyme a ghlacadh ann an Uibhist eadar 2009 is 2016; Angela Nicilleath­ain anns a’ Phòlainn; Darren Linc cuide ri Olga Szczesnowi­cz – tè a tha airson fuireach às dèidh dha Brexit tachairt.
 ??  ??
 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom