The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 30 Dàmhair 1937

- AONGHAS MACEANRAIG

Na Gisreagan

Chan eil neach n-ar measg nach àicheich gu duineil gu’m bheil cuid no turus aige ri gisreagan an dòigh ’sam bith, gidheadh tha saobhchrei­deamh a’ mairsinn o linn gu linn, agus tha e’n diugh cho beo ’sa bha e ri àm ar seanar. ’Dé tha ’ga chumail gun dol air dichuimhne, tha e duilich a dheanadh am mach.

Bha gisreagan maille ruinn o aimsir glé thràth an eachdraidh dhaoine. Bha iad air an aobharacha­dh an toiseach, a réir coltais, le toil a bhi’g aoradh do ni air chor-éiginn. Leis nach robh beachd ro shoillear aig muinntir air an Cruthadair cha robh dhaibh ach dealbh agus cumhachd a thoirt Dha a réir am mac-meanmna féin. Dh’éirich rabhaidhea­n is manaidhean uidh air n-uidh, agus thàinig geasaibh, eolais agus cronachain gu bhi air an ainmeachad­h gu tric an dachaidhea­n a’ phobuill. Chan fhaod aon chinneach a thilgeadh air cinneach eile gu’m bheil a toirt tuillidh gèill ’sa tha esan do shaobhchrà­bhaidh, oir is i an fhìrinn mu’n ghnothach nach eil gin dhiubh saor o’n dubhailc so. Rachamaid an ear no’n iar, tuath no deas, gheibh sinn an sluagh an tomhas mór no beag a’ cur ùidh an cleachdaid­hean agus an nòsan a bhios chum math no rath dhaibh, mar a tha iadsan a’ saoilsinn, ann an giulan am mach an cùisean làitheil.

Tha gisreagan an dlùth dhaimh ri taibhsleir­eachd air feadh na Gàidhealta­chd. Tha cheud aon fhathasd fo neul aig luchd-f ìosrachaid­h ach tha’n t-aon eile air iadeach leo mar ni solusach.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom