The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 6 Samhain 1937

- AONGHAS MACEANRAIG

Am Fear a Ghoid a’ Mhuc

So an t-ainm a bh’ air sgeula beag laghach am fear de na ceud leabhraich­ean a chuir Eanruig Mac Gille-bhàin am mach. Bha e gasda ri leughadh aig coinneamha­n caidreamha­ch, agus eadhoin gus an latha diugh tha e duilich a chumail am falach. Dh’éirich e o sheann chleachdad­h a bha cumanta ’san àm ’san deachaidh an naidheachd a sgrìobhadh. An uair a mharbhadh neach ’sam bith muc – agus bha té no dithis aig gach teaghlach ’sa chlachan – bha sgonn dhith aige ri chur chum gach aon de na coimhearsn­aich, agus leis gu’m faigheadh e air ais a réir a’ cheart tomhais, cha bhiodh call no buannachd ann a bhi leantainn an fhasain. Bliadhna bha ’n sud leig Donnchadh Tioram ris nach robh na bheachd mìr a thoirt seachad gu bràth tuillidh, agus b’ ann an sin a rinn gillean a’ bhaile ’suas gu’n goideadh iad a’ mhuc aige cho luath ’s a bhiodh sin goireasach an déigh dhith bhi air a marbhadh. Is ann air sin a dh’aithrisead­h an sgeul, agus feumaidh gach neach an còrr a leughadh air a shon féin anns an “Celtic Garland”. Tha so agam ri ràdh co dhiubh: ma dh’fhalbh an cleachdadh air am bheil e toirt iomraidh, chan e gin is fèarr a thàinig ’na àite. Chan eil an diugh ach lagh is pàigheadh air a h-uile h-oisinn, ’s am fear a tha gun tasdan bidh e gun chuid, gun charaid. Chan eil a’ Ghàidhealt­hachd uile mar so. Tha cuid dhith seann fhasanta gu leòir fhathasd.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom