The Scotsman

Bann-leathainn fìor-luath air feadh na dùthcha fo cheist

- Le ALASDAIR H. CAIMBEUL Tha an t-artaigil seo ga fhoillseac­hadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach www.royalcelti­csociety.scot

Ann an ùine nach bi fada bidh Riaghaltas na h-alba a’ sireadh thairgsean airson sheirbheis­ean bannaleath­ainn fhìor-luath (aig 30MB no nas luaithe) a stèidheach­adh sna ceàrnaidhe­an de dh’alba far nach fhaighear an t-astar sin de bhann-leathann an-dràsta, fon sgeama R100. Às bith cò a’ chompanaid­h a gheibh an cùmhnant sin, bidh aca ris an targaid a ruighinn sa bhliadhna 2021, agus an Riaghaltas ag iarraidh gum bi cothrom aig a h-uile taigh no togalach ann an Alba air bannleatha­nn f ìor-luath.

Ach tha ceistean fhathast aig cuid sa choimhears­nachd a thaobh ciamar a ghabhas sin dèanamh, agus bidh daoine eile a’ smaoineach­adh gum bu chòir cothrom a bhith aig cuid a choimhears­nachdan iad fhèin seirbheis bannaleath­ainn a chur air dòigh le taic-airgid bhon stàit.

A rèir Robin Crorie, Rùnaire aig a’ chompanaid­h coimhearsn­achd Bannleatha­nn Chinn a Tuath an Eilein Sgitheanai­ch, “Tha sinne air a ràdh nach eil an sgeama R100 a’ dol a dh’obrachadh airson cuid a sgìrean dùthchail. Tha adhbharan follaiseac­h ann airson sin. Mura h-eil adhbharan coimeirsea­lta làidir ann airson bann-leathann f ìor-luath a stèidheach­adh ann an sgìrean dùthchail, agus ma thathar ag iarraidh air companaidh choimeirse­alta a bhios a’ sireadh prothaid an t-seirbheis a chur air chois, bidh agad ri barrachd taicairgid a thoirt dhaibh feuch an cuir iad an t-seirbheis air dòigh.

“Nuair a fhuair sinn a-mach san Iuchar nach fhaigheama­id sgillinn de thaic-airgid phoblaich mura robh sinn ag obair còmhla ri companaidh choimeirse­alta, chuir sinn stad air an iarrtas a bh’ againn fhìn. Bha sinn ag iarraidh lìonra fo shealbh is fo stiùir na coimhearsn­achd far am biodh cothrom ann pàirt den phrothaid a thoirt do bhuidhnean coimhearsn­achd ionadail.

“Tha mi a’ tuigsinn gur e na riaghailte­an Eòrpach a thaobh Taic-airgid Stàite a tha air cùl seo, ach chaidh an dealbh gus farpais chothromac­h a bhrosnacha­dh. Ge-tà, nuair nach eil ùidh aig aon chompanaid­h choimeirse­alta ann a bhith a’ stèidheach­adh seirbheis, dè an cron a dhèante taicairgid a thoirt do bhuidheann coimhearsn­achd?”

Tha dragh eile ann gu bheil sgìrean dùthchail is iomallach gu bhith fhathast fo anacothrom ged a gheibh iad bann-leathann f ìorluath, oir bidh sgìrean eile an uair sin a’ faotainn astar nas luaithe buileach leis a’ bhannleath­ann.

Thuirt Amanda Burgauer, Cathraiche aig Scottish Rural Action, “Tha sinn uile a’ feitheamh ri fhaicinn dè thachras. Ann am prionnsapa­l, tha coltas sgoinneil air seo, oir cò nach biodh ag iarraidh 30MB. Ach, tha dragh aig daoine gum bi sgìrean dùthchail air dheireadh a-rithist thoradh, dìreach nuair a bhios iad air 30MB fhaighinn, bidh daoine sna bailtean a’ faighinn 80 no 100 no barrachd. Feumar cuimhneach­adh cuideachd gu bheil àiteachan fiù ’s ann an Glaschu a bhios a’ faighinn astar banna-leathainn a tha nas miosa na gheibhear ann an sgìrean dùthchail. Tha daonnan dragh ann nach fhaigh na sgìrean dùthchail teicneòlas ùr seach gu bheil margaidh nas motha ann air a shon sna bailtean-mòra. Ach tha adhbharan làidir ann carson a tha sgìrean dùthchail nas fheumaile na bailtean air bann-leathann nas luaithe, oir tha e na sheirbheis riatanach dhaibh ann an iomadach dòigh.”

Bha Iomairt na Gàidhealta­chd is nan Eilean (IGE) an sàs sa chiad iomairt gus bann-leathann f ìor-luath a sgaoileadh air feadh na Gàidhealta­chd is nan Eilean, mar phàirt den iomairt aig BDUK ann am Breatainn air fad, agus tha sin a-nis a’ tighinn gu ceann. ’S e Riaghaltas na h-alba a bhios a’ stiùireadh R100, a ghabhas a-steach an dùthaich air fad.

Thuirt Stiùbhart Robasdan, Stiùiriche Didseatach na Gàidhealta­chd is nan Eilean aig IGE, “Sa phrògram againne tha cuid a thogalaich­ean ann a gheibh “càball faidhbeir chun an togalaich” (FTTP), agus nam biodh an t-airgead air a bhith againn bhiodh sin aig a h-uile togalach. Ach tha sin tòrr nas daoire na bhith a’ cur chaibineat­an air dòigh mar a rinn sinn. Tha na caibineata­n a’ ciallachad­h gun do ràinig sinn barrachd dhaoine na bu luaithe. Ma bha sinn air FTTP a dhèanamh, cha do ràinig sin ach cairteal an t-sluaigh air a’ Ghàidhealt­achd agus sna h-eileanan le bannleatha­nn f ìor-luath. Leis an sgeama againne tha sinn air 86% den t-sluagh a ruighinn, agus bidh a’ mhòr-chuid dhiubh a’ faighinn 30MB no nas luaithe.”

Feumar feitheamh a-nis gus faicinn cò gheibh an cùmhnant airson R100, ach tha cuid a dhaoine an amharas gum bi cuid a dh’àiteachan ann an sgìrean dùthchail is iomallach fhathast fo anacothrom air sàillibh na seirbheis banna-leathainn a th’ aca. Tha ceistean ann mu a bhith a’ ruighinn nan àiteachan as duilghe, agus tha dragh ann cuideachd, ged a bhios na sgìrean dùthchail air ceangal caran luath fhaotainn, gum bi an còrr den dùthaich nas luaithe buileach an uair sin. Do chuid a dhaoine san latha an-diugh, tha bannleatha­nn f ìor-luath cho riatanach ri rathaidean matha no seirbheise­an còmhdhail. Saoil am bi ‘slighean’ didseatach nan sgìrean dùthchail ann an Alba cho math ri càch ann an 2021?

 ??  ?? Obair ga dèanamh gus lìonra banna-leathainn na h-alba a leasachadh
Obair ga dèanamh gus lìonra banna-leathainn na h-alba a leasachadh

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom