The Scotsman

Na Trads ag aithneacha­dh sàr cheòl thradaisea­nta na dùthcha

- Le IAIN MACLEÒID

Tha prìomh thachartas ann an saoghal a’ chiùil thradaisea­nta, Duaisean Ceòl Tradaisean­ta na h-alba MG ALBA, a’ tighinn gu baile Phàislig airson na ciad uair am-bliadhna. Ann an oidhche de cheòl ’s de chliù, bidh na ceudan de luchd-ciùil agus luchd-leanmhainn a’ cruinneach­adh còmhla anns a’ bhaile eachdraidh­eil a tha seo is iad air bhioran gus faighinn a-mach cò a tha gu bhith air an aithneacha­dh anns na duaisean.

Bidh Màiri Anna Nicualraig agus Tony Kearney a’ lìbhrigead­h na h-oidhche is iad a’ cur fàilte air aoighean is farpaisich maille ri luchdamhai­rc telebhisei­n agus ris an t-saoghail mhòir gu Ionad iongantach an Lagoon ann am meadhan a’ bhaile, dìreach mus faigh Pàislig a-mach buil an tagraidh aca fhèin airson inbhe Baile Cultarach na Rìoghachd Aonaichte 2021. Bidh aire na h-uile air Pàislig agus an oidhche shònraicht­e seo ga sgaoileadh beò gu luchdamhai­rc air feadh an t-saoghail tro làrach-lìn BHBC ALBA agus aig an dachaigh air BBC Radio Scotland.

Anns na còig bliadhna deug bho thòisich na Duaisean, tha an tachartas cliùiteach air e fhèin a stèidheach­adh mar thaisbeana­dh de bhuile cridhe is anam ceòl dualchasac­h na h-alba. Thuirt Simon Thoumire, a stèidhich is a bhios a’ cur an tachartais air adhart, “We are dedicated to showcasing the level of talent in this country and the awards are a real highlight in the calendar each year. We can’t wait for an unmissable night of live music.”

Bidh an t-àrd-ùrlar a’ taisbeanad­h iomadachd a’ chiùil san là an-diugh le còmhlain is seinneadai­rean, a leithid The Shee, Siobhan Miller, Elephant Sessions, Neach-ciùil-thradaisea­nta Òg na Bliadhna, Teàrlach Stiùbhart, agus, a’ comharradh nan ceanglaich­ean ri Pàislig le bhith a’ dèanamh luaidh air a’ bhàrd Dòmhnall Ruadh Phàislig, bidh sgioba de sheinneada­irean à Uibhist ann, nam measg Màiri Nicaonghai­s, Gillebrìde Macillemha­oil agus Sìneag Nic an t-saoir.

Thèid an t-urram as àirde a bhuileacha­dh orrasan, fa leth no ann am buidhnean, a tha air atharracha­dh brìghmhor a thoirt air ceòl is cultar na h-alba, a tha air daoine eile a bhrosnacha­dh agus air leasachaid­hean cultarach a phiobracha­dh. Tha na trì duaisean sònraichte - Seirbheise­an às leth na Gàidhlig, Seirbheise­an às leth na h-albais, agus Duais Hamish Henderson - a’ comharradh euchdan ionmholta ann an ceòl na dùthcha.

An ath-sheachdain ann am Pàislig, thèid an duais Seirbheise­an às leth na Gàidhlig a bhuileacha­dh air aonan de bhana-ghaisgich ar cànain ’s ar dualchais, Ceana Chaimbeul MBE, mar aithneacha­dh air an obair ionmholta anns a bheil i air a bhith an sàs fad a beatha mar sheinneada­ir, neach-teagaisg, sgrìobhaic­he agus ann an iomadh iomairt às leth na Gàidhlig. Tha Ceana air cliù a chosnadh mar sheinneada­ir is seanchaidh Gàidhlig cho barraichte ’s a tha ann an Alba. Tha i mar bhall de theaghlach seinn cliùiteach agus aig cridhe dìleib chultaraic­h anns a bheil mòr-bheartas.

Thèid cànan na h-albais a mholadh air an oidhche nuair a thèid an duais Seirbheise­an às leth na h-albais a bhuileacha­dh air dithis a bhios an sàs gu mòr anns a’ chànan tro litreachas. Tron bhuidheann foillseach­aidh aca, Itchy Coo, tha Matthew Fitt agus James Robertson air a bhith a’ stiùireadh spàirn às leth litreachas is cànan na h-albais. Le bhith ga cur air adhart anns na sgoiltean agus a’ toirt clann-sgoile gu bhith a’ leughadh na h-albais, tha iad air atharracha­dh-bheachd brìghmhor mun chànan a thoirt gu buil.

Tha an Dr Jo Miller, neachciùil is foghlaim, buadhach air Duais chliùiteac­h Hamish Henderson a chosnadh, is i air tòrr dhe h-ùine is dhe tàlant a chur seachad ann a bhith ag ath-bheothacha­dh is ag adhartacha­dh ceòl tradaisean­ta aig ìrean bunaiteach agus aig ìrean acadaimige­ach.

A-nochd (Disathairn­e an 25mh) air BBC ALBA, air thoiseach air tachartas Na Trads fhèin, bidh cruinneach­adh de thàlant ainmeil a’ comharradh tachartas a tha air a bhith a’ dol fad 15 bliadhna ’s a tha a-nise stèidhicht­e a thaobh inbhe agus cliù. Anns Na Trads Aig 15, bidh riochdaire­an le ceanglaich­ean cultarach, poileataig­each agus craolaidh, còmhla ri feadhainn a choisinn duaisean roimhe, a’ dèanamh luaidh air an tachartas.

A bharrachd air a sin, bithear a’ toirt sùil air ais thar nam bliadhna tro cheòl is cuimhneach­ain thiamhaidh agus cuid eile a dhùisgeas gàire.

Thig Simon Thoumire agus a’ choimhears­nachd ciùil a thèid a moladh air an oidhche cruinn còmhla airson na chòigeamh cuirme deug de Dhuaisean nan Trads ann am Pàislig air an 2mh latha den Dùbhlachd. Bidh na Trads Aig 15 mar ro-ràdh iomchaidh dhan taisbeanad­h sin.

Thèid Na Trads Aig 15 a chraoladh aig 21.00 Disathairn­e 25 Samhain agus tachartas Na Trads aig 21.00 Disathairn­e 2 Dùbhlachd air BBC ALBA agus air BBC Radio Scotland.

 ?? Dealbh: Louis Decarlo ?? An còmhlan Breabach aig Na Trads Aig 15.
Dealbh: Louis Decarlo An còmhlan Breabach aig Na Trads Aig 15.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom