The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 13 Samhain 1937

- IAIN A’ GHLINNE

Is e f ìor bheag aig an robh an comas am beachdan a chur an cèill cho pongail, cho soilleir is cho tlachdmhor, snasail ri ar caraid nach maireann, Aonghas Mac Eanruig, a bha air ceann na h-oisinne so. Cha robh cuspair a thog e ris nach do bhuin e gu h-ealanta. So agaibh earrann de na sgrìobh e air Jeanne D’arc, banaghaisg­each na Frainge:

“An àite-mhargaidh chaidh sgàlan-losgaidh a thogail, an connadh air a chàradh gu sgoinneil, deas ullamh gu dol ri bhuidealai­ch cho luath ’s a gheibheadh e an t-sradag. Bha àite na h-ìobairt air a dheagh uidheamach­adh. Có a bha ri ìobradh?

Chaidh an leus a chur ris a’ chonnadh, agus, an ùine ghoirid, bha an toit dhòmhail dhubh a’ dorchachad­h an adhair. Dh’iarr i crois a thoirt a mach ás an eaglais is gu’m biodh a sùil oirre mar a bhiodh i dol gu bàs. Chaidh so a dhiùltadh dhi; ach ghlac aon de na saighdeara­n Sasunnach sgonn de shlait, bhris e i ri a ghlùn na dà leth, agus cheangail e an dà mhìr gu cabhagach ri chéile.

Chaidh a’ chrois so a chumail suas ma choinneamh na caileige. Chualas i gu tric a gairm air Iosa; agus, leis an ainm naomh so air a bilean, thug i suas a spioraid.

Thuirt Iain Tressat, fearionaid Rìgh Shasuinn – ‘Tha sinn uile caillte, oir loisg sinn ban-naomh!’”

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom