The Scotsman

Karate, madadh-allaidh is eile am panto Fèisean nan Gàidheal

- Le ALASDAIR H. CAIMBEUL

Tha sgioba bho Fhèisean nan Gàidheal air chuairt an-dràsta leis an dealbh-chluich Nollaig aca, Anna Bheag a’ Chòta Dheirg, agus iad a’ tadhal air sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-alba.

Seo an deicheamh bliadhna a tha Fèisean nan Gàidheal air dealbh-chluich Nollaig a chur air dòigh airson nan sgoiltean, agus thòisich a’ chuairt aca air 27 Samhain ann an Glaschu agus thig i gu crìch air 15 Dùbhlachd ann an Inbhir Nis.

Thuirt Aonghas Macleòid, an t-oifigear Dràma aig Fèisean nan Gàidheal a sgrìobh an dealbh-chluich, “Tha an dealbh-chluich a’ cur ris an sgeulachd thradaisea­nta Nighean Bheag a’ Chòta Dheirg. Tha tàlant mòr aig na cleasaiche­an agus tha na caractaran a th’ aca ag innse na sgeulachd ann an dòigh gu math èibhinn ’s beothail a ghlacas aire an luchd-amhairc.

“Tha Anna Bheag agus a màthair, an nighean bheag on sgeul thradaisea­nta, air oideachadh fhaighinn ann an karate gus an dìon fhèin bho ionnsaig he anmh ad aid he anal laidhsach oil les heun ta. Tha an sgioba fada an comain Dolina Ros, bho Karate Alba ann an Inbhir Nis, a thug sàr stiùireadh dhaibh. Dh’obraich Dolina le na cleasaiche­an gus gluasadan karate a theagasg dhaibh a nochdas san dealbhchlu­ich.”

Tha am madadh-allaidh ga chluich le Calum Dòmhnallac­h, a tha aithnichte mar phreasanta­ir air a’ phrògram chloinne aig BBC ALBA Dè a-nis? An-uiridh bha ea’ c lea sachdanns The Cheviot, the Stag and the Black, Black Oil leis an Dundee Rep. Tha dà charactar aig MJ Dean si si a’ nochdadh mar mhàthair Anna agus a sinn-seanmhair. Bho chionn ghoirid bha MJ air an rathad air chuairt a bh’ aig Thèatar Nàiseanta na h-alba is i na cleasaiche ann an Rocket Post. ’S e Anna Bheag an caractar aig Ellen Nicdhòmhna­ill, a tha aithnichte mar sheinneada­ir sna còmhlain-ciùil Dàimh agus Sian. Bidh i cuideachd a’ nochdadh san t-sreath dràma aig BBC ALBA Bannan.

Rè na cuairte aig Anna Bheag a’ Chòta Dheirg, a fhuair taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthacha­il is HIE, thathar an dùil gum faigh còrr is 40 sgoil cothrom an dealbhchlu­ich fhaicinn agus, air feasgar Diardaoin an 14mh den Dùbhlachd, thèid taisbeanad­h poblach a chumail aig an Ironworks, Inbhir Nis aig 7.00f, le na dorsan a’ fosgladh aig 6.30f. Faodaidh duine sam bith a dhol ann. Airson tuilleadh fiosrachai­dh mun dealbhchlu­ich, faodar fios a chur gu Aonghas Macleòid aig Fèisean nan Gàidheal aig angus@ feisean.org no air 01463 225559. l Tha an t-artaigil seo ga fhoillseac­hadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach www. royal celtic society. scot

 ??  ?? Bho chlì gu deas: Calum Dòmhnallac­h, MJ Deans agus Iain Beggs san dealbh-chluich Nollaig bho an-uiridh, Hansel ’s Gretel agus Fèill Mhòr na Fuine. Tha panto na bliadhna-sa, Anna Bheag a’ Chòta Dheirg, air chuairt an-dràsta.
Bho chlì gu deas: Calum Dòmhnallac­h, MJ Deans agus Iain Beggs san dealbh-chluich Nollaig bho an-uiridh, Hansel ’s Gretel agus Fèill Mhòr na Fuine. Tha panto na bliadhna-sa, Anna Bheag a’ Chòta Dheirg, air chuairt an-dràsta.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom